Bann-leathann ga leasachadh mu iomall Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh

Thèid 16,000 dachaigh air iomall Inbhir Nis agus timcheall Linne Mhoireibh a cheangal ris a' bhann-leathann fìor-luath tràth an ath-bhliadhna, fo sgeama a th' air a mhaoineachadh le airgead phoblach.

'S e seo a' chiad sgìre ann an Alba a gheibh cothrom air an sgeama le airgead phoblach.

Tha BT ag amas air 84% de dhachaighean a' chinn a tuath a cheangal ro 2016.

Tha dùil gum bi e ri fhaotainn anns na h-Eileanan Siar agus iar-thuath na Gàidhealtachd an ceann trì bliadhna.