Èigneachadh an Earra-Ghàidheal
- Air fhoillseachadh
Tha Poilis ann an Earra-Ghàidheal air rannsachadh a thòiseachadh an dèidh mar a chaidh boireannach èigneachadh ann an Ceann Loch Gilp.
Chaidh ionnsaigh a thoirt air a' bhoireannach, 22, air slighe air cùl Bràigh a' Mhansa anns a' bhaile ann an uairean beagan na maidne Didòmhnaich.
Tha na Poilis ag ràdh gu bheil an neach a tha fo amharas geal, mu chòig troighean is ochd neo naoi òirlich de dh'àirde, le falt donn.
Bha geansaidh drocha air le curag agus jeans ghorma.
Thuirt an t-Inspector Kate Jamieson bho ionad èigneachaidh Poilis na h-Alba gun robh am boireannach air a fàgail troimh-chèile agus gun robh e riatanach gu lorgadh iad cò bh' air cùl na h-ionnsaigh.
Thuirt i gun robh iad a' cur taic a bharrachd ris an sgrùdadh phoilis agus gum biodh barrachd phoileas rim faicinn anns an sgìre cuideachd.