Tubaist-rathaid air an A9
- Air fhoillseachadh
Chaidh fireannach a dhroch leòn ann an tubaist-rathaid air an A9 faisg air ceann-rathaid Dhrochaid Charra oidhche Chiadain.
Bha làraidh agus càr Nissan an sàs anns an tubaist, a thachair mu 7:15f.
Tha an duine, a chaidh a ghearradh a-mach às a' charbad, a' faighinn cùram ann an ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.
Bha an rathad dùinte gu mu 02:30m Diardaoin.
Tha na Poilis a' sireadh fiosrachaidh bho dhuine sam bith a chunnaic na thachair.