Glèidhteachas 's an MoD "gus cur às do choimhearsnachd Uibhist"
- Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh leudachadh air na tha de dh'àiteachan le inbhe ghlèiteachais air feadh Uibhist cur às dha na daoine, am beachd dithis de chomhairlichean an àite.
Tha an dithis cuideachd a' togail dragh gu bheil Ministreachd an Dìon a' cur bacadh air leasachaidhean a dh'fhaodadh obraichean a chruthachadh a chumadh daoine anns an àite.
Dh'fhoillsich Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) na bu thràithe den bhliadhna, mapa de chòrr is 40 àite a bha iad a' moladh airson an comharrachadh le inbhe ghlèidhteachais "Talamh Nàdarra" (Wild Land mar a th' aca air sa Bheurla).
'S e beanntan Uibhist a Deas aon de na h-àiteachan sin.
A' Choimhearsnachd
"Tha e draghail dhuinn gu bheil iad a' coimhead ri rudan mar sin, thorradh, tha beanntan Uibhist a Deas a' toirt a-steach sgìre mhòir," thuirt an Comh. Uisdean Robastan, a tha a' riochdachadh Beinn nam Fadhla agus Uibhist a Tuath.
"Tha an t-àite mar a tha e air sgàth nan ginealaichean a chaidh seachad, agus tha iad a' coimhead às a dhèidh glè mhath," thuirt e.
Tha an aon dragh air Raghnall MacFhionnghain, fear de chomhairlichean Uibhist a Deas agus Barraigh.
"Na beanntannan a th' ann, tha clubaichean chaorach ann, agus tha tòrr rudan a' dol annta," thuirt e.
"Chan urrainn dhut sìan a dhèanamh anns na h-Eileanan an-dràsta, feumaidh tu cead fhaighinn airson a h-uile sìan a th' ann.
"Tha an rud air a dhol an taobh ceàrr mun cuairt. Bha còir aig an rud a bhith an taobh eile.
"Bha còir aig na daoine fhèin an inntinn a dhèanamh suas.
"Mar a tha an t-eilean a tha seo, mur a coimhead thu às a dhèidh cha bhi duine ann fhathast," thuirt e.
An MoD
Ann an aithisg saidheans Uisgeachan Mara agus Fìor-uisge na h-Alba ann an 2012, chaidh a ràdh gur ann sna h-uisgeachan far chladaichean an iar nan Eilean Siar, a tha cothroman cumhachd nan tonn as cumhachdaiche ann an Alba.
Ach thàinig briseadh dùil air cothroman leasachaidh ann an Uibhist, ri linn 's gu bheil an MoD - a tha a' ruith Raon nan Rocaidean - a' cur na aghaidh.
"Tha sinn a' faicinn gu bheil Ministreachd an Dìon a' cur an aghaidh sin, mar a tha iad air a bhith a' cur an aghaidh nan crann-gaoithe ann an Uibhist fhèin," thuirt Mgr Robasdan.
"Cà bheil seo uile a' dol a stad? Eadar an MoD a bhith a' cur stad air aon rud, agus na h-àitachan glèidhteachais a bhith a' cur stad air rud eile," thuirt e.
Tha an MoD a' cumail cosnaidh ri mòran dhaoine ann an Uibhist. Ach tha na comhairlichean ag ràdh nach bu chòir gun cuir sin stad air leasachaidhean ann am pàirtean eile de dh'eaconamaidh Uibhist.
"Rud a tha connartach, agus a thàinig follaiseach roimhe, tha Raon nan Rocaidean, rinn e tòrr de dh'fheum," thuirt Mgr MacFhionnghain.
"Ach tha e uabhasach fhèin cunnartach, mar a chanas iad sa Bheurla "all your eggs in the one basket."
"Dh'fhaodadh iadsan falbh a-màireach. Dh'fhaodadh rudeigin tachairt, agus dè an còrr a th' againn air fhàgail?
"Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil obraichean eile againn ann.
"Chanainnsa, tha sinn airson obrachadh còmhla, ach feumaidh sinn cuideachd aig an aon àm dèanamh cinnteach gu bheil obraichean eile anns an eilean againn airson na daoine a chumail ann," thuirt e.
Tha co-obrachadh a dhìth airson cùisean a leasachadh. Ach tha dragh air Mgr Robasdan gu bheil atharrachaidhean eile a dhìth airson sin.
"Tha mi a' smaoineachadh gum bu chòir cus a bharrachd chumhachd a bhith aig a' choimhearsnachd fhèin," thuirt e.
"Tha còir aig buidhnean - a' Chomhairle, HIE, SNH, 's na buidhnean sin uile - èisteachd nas motha ris a' choimhearsnachd.
"'S ann aig a' choimhearsnachd a tha fhios dè tha math dhan choimhearsnachd.
"Ach cha chreid mi gu bheil guth làidir gu leòr aca san t-saoghal a th' ann," thuirt e.
'S iad na comhairlichean fhèin a tha a' riochdachadh nan daoine aig a' Chomhairle.
Ged a tha Mgr Robasdan den bheachd gu bheil taic ann an cuid de roinnean, cha robh Mgr MacFhionnghain ag aontachadh leis.
"Airson an fhìrinn innse, bha mise air a' Chomhairle roimhe, agus chanainn gun robh e glè mhath," thuirt e.
"Ach an trup seo tha mi a' faicinn diofar mòr mòr ann.
"Chan eil iad cho cuideachail mar a b'àbhaist dhaibh a bhith.
"Sin am beachd a th' agamsa co-dhiù. Bha e gu math gu math nas fheàrr roimhe.
"Chan eil mi toilichte sam bith, 's tha mi air a bhith ga chantail trup no dhà nach eil mi toilichte le mar a tha rudan a' dol anns a' Chomhairle, co-dhiù anns na h-Eileanan a Deas an seo, mar a tha gnothaichean ag obrachadh a-mach," thuirt e.
Tha an dithis aca ag aontachadh ge-tà, ma tha bacadh ga chur air leasachadh airson glèidhteachais agus dìon, feumaidh ionmhas tighinn às àiteigin airson daoine a chumail ann an Uibhist.