Connspaid mu choille Chaoidhich
- Air fhoillseachadh

Chuir Riaghaltas na h-Alba stad air oidhirp Choimisein na Coilltearachd gus coille ann an Srath Nabhair a reic.
Chuir an Coimisean a' choille, aig Rosail, air a' mhargaidh fhosgailte air prìs £1,850,000.
Bha iad ag innse gu bheil a' choille, sa bheil 2, 572 hectaire (6,356 acair) ann an tè de na sgìrean "nàdarra" mu dheireadh ann an Alba.
Tha dà sheann bhaile anns a' choille, a chaidh fhuadachadh o chionn 199 bliadhna, ann am fuadaichean droch-ainmeil Shrath Nabhair ann an 1814.
'S ann an Rosail a rugadh Dòmhnall MacLeòid, a sgrìobh an leabhar Gloomy Memories, mu dheidhinn na thachair, agus a thug fianais air na thachair, 's e na bhodach, do Choimisean Napier.
Ghabh an Riaghaltas gnothach ris an reic às dèidh do luchd-iomairt an fhearainn gearain mu dheidhinn.
Thuirt iad gun robh e "iarranta" le eachdraidh chonnspaideach na sgìre, gun robh am fearann ga thabhainn do dhaoine prìobhaideach, agus gun robh dragh orra gun deadh a reic ri duine beartach à thall-thairis.
Chuir BPA Ghallaibh, Chataibh agus Rois, Rob Gibson, fàilte air co-dhùnadh an Riaghaltais stad a chur air an reic.
Thuirt e gum bu mhiann leis a' choille fhaicinn ann an làmhan na coimhearsnachd ionadail.
Chaidh a' choille a thoirt far làrach-lìn an luchd-reic.