Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An Dàmhair 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

nPower

'S iad nPower an treas tè de na companaidhean cumhachd mòra a dh'innis gum bi àrdachadh sna prìsean aca a dh'aithghearr. Bidh àrdachadh mu 10% ann bhon Dùbhlachd. Thuirt a' chompanaidh gur e a' phrìs air a bheil iadsan a' ceannach a' chumhachd às a' chiad àite, agus sgeamaichean an Riaghaltais as coireach gum feum iad cunntais a chur suas.

Stèisean Cumhachd Niuclasach

Thug Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cead do phlana airson a' chiad stèisein chumhachd niuclasaich ùir bho chionn còrr is 20 bliadhna. Bidh a' chompanaidh Fhraingeach EDF os cionn na buidhne a bhios a' togail stèisein aig Hinkley Point ann an Somerset. Thuirt am Prìomhaire, Dàibhidh Camshron, gur e pàirt cudromach a th' ann de phlana eaconamach an Riaghaltais. Ach tha gearainnean ann mar thà gun cuir an subsadaidh a tha an Riaghaltas a' gealltainn ri cosgais an dealain air a' cheann thall.

Inbhir Ghràinnse

Thug a' bhuidheann Ineos gu 6:00f a-nochd do luchd-obrach aig ionad-ola Inbhir Ghràinnse gabhail ri cùmhnantan obrach ùra. Tha Ineos air plana ùr fhoillseachadh airson an ionaid, a tha fhathast dùinte, airson a chumail a' dol. Ach tha an t-aonadh Unite ag ràdh nach eil roghainn aig an luchd-obrach a-niste ach gabhail ris a' phlana sin, no an cosnadh a chall.

Tesco

Thuirt Tesco gu bheil iad ag atharrachadh an dòighean-obrach agus margaidheachd, an dèidh figearan a dh'fhoillseachadh an-diugh mun bhiadh a tha na bùthainnean aca a' tilgeil air falbh. Chaidh cha-mhòr 30,000 tunna de bhiadh a thilgeil air falbh air'a chiad shia mìosan den bhliadhna. Am measg sin bha còrr is leth de na stuthan salad ann am pocannan, agus aran is bèicearachd.

Nighean am bruid

Thèid càraid Ròma mu choinneimh cùirte anns a' Ghrèig an-diugh fo chasaid gun do chuir iad nighean bheag am bruid. Tha dearbhadh DNA ann nach iad pàrantan nàdarra na h-ìghne bige.

Tha dùil ri fios an-diugh bhon aonadh thidsear as motha an Alba, an EIS, mu bhaileat air cùmhnantan-obrach. Tha seo an dèidh sgrùdaidh fharsainn bho chionn dà bhliadhna às an tàinig molaidhean leithid uairean-obrach nas sùbailte.