Dòmhnall MacIlleDhuibh, 1928-2013

  • Air fhoillseachadh

Chaochail Dòmhnall MacIlleDhuibh, eòlaiche eachdraidh à Lios Mòr, madainn Diluain.

Bha Dòmhnall 84 bliadhna de dh'aois, agus an dèidh a bhith tinn 'son ùine ghoirid.

Rugadh e ann an Achadh na Croise ann a Lios Mòr ann a 1928.

Sgrìobh e leabhar mun eilean agus na daoine a bha a' fuireach ann air a bheil 'Sgeul no dhà as an Lios'.

Bha e gu mòr an sàs ann a bhith a' stèidheachadh ionad eachdraidh air an eilean, agus bhiodh e tric air prògraman Radio nan Gàidheal a' bruidhinn air Lios Mòr.

Tha e a' fàgail a bhean, Roma, dithis nighnean agus mac.