Dùil ri togail mòr bho chumhachd nan tonn

  • Air fhoillseachadh
Osprey 800
Fo-thiotal an deilbh,
Dh'fhaodadh gum mair 37 de na cosnaidhean 20 bliadhna.

Tha aithisg ùr air innse gum faodadh 200 obair a bharrachd tighinn dha na h-Eileanan an Iar, fhad 's a thathas a' togail sgeama ùir airson cumhachd nan tonn.

Tha Aquamarine Power airson còrr is 50 inneal a chur dhan mhuir far iar-thuath Eilean Leòdhais.

Rinn Aquamarine Power an sgrùdadh seo airson faighinn a-mach dè a' bhuaidh a bhiodh aig an leasachadh air eaconamaidh na sgìre.

Tha a' chompanaidh à Dùn Èideann den bheachd gun tèid suas ri £9m a bharrachd a-steach dhan Ghàidhealtachd 's na h-Eileanan, bho a bhith a' togail nan uidheaman.

Tha am pròiseact aca an dòchas suas ri 50 de na h-innealan 'Osprey 800' a stèidheachadh far oirthir Leòdhais, agus iad am beachd 40mw de chumhachd fhaighinn àsta.

Tha measaidhean a' leantainn air na h-innealan ann an Arcaibh an-dràsta an dèidh a h-uile pàirt dhiubh a dhèanamh ann am Breatainn.

Thathas an dòchas cuideachd gum bi suas ri 37 obair, a leanas 20 bliadhna, co-cheangailte ri bhith a' ruith an sgeama.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh