Talla Bhaile Cheann Locha ga ceannach

  • Air fhoillseachadh

Fhuair muinntir Cheann Loch Chille Chiarain granta luach £1m bhon Chrannchur Nàiseanta gus an cuideachadh talla a' bhaile a cheannach.

Thèid an t-airgead a chleachdadh gus an togallach, a chaidh a thogail 250 bliadhna air ais, a cheannach bho Comhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid.

Tha Urras Leasachaidh Chinn a Deas Chinn Tìre airson oifisean a chruthachadh anns an togallach, a bhios rim faotainn air màl, agus a dhèanamh na àite far an urrainn do dhaoine coinneamhan 's co-labhairtean a chumail.