Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An Dàmhair 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Inbhir Ghràinnse

Tha Riaghaltas na h-Alba a' coimhead airson buidhne a bhiodh deònach ionad-ola Inbhir Ghràinnse a cheannach ma 's e agus nach bi a' bhuidheann Ineos ga fhosgladh a-rithist. Chaidh an t-ionad a dhùnadh an t-seachdain seo chaidh fhad 's a bha luchd-obrach a' beachdachadh air plana airson cosgaisean a ghearradh. Thuirt an t-aonadh aca, Unite, an-raoir gu bheil a' mhòr-chuid den luchd-obrach air na molaidhean sin a dhiùltadh. Bidh Diciadain ann mus innis Ineos dè tha nam beachd.

Scottish Power

Thuirt Scottish Power gu bheil iad fìor dhuilich, agus gun toir iad atharrachadh air an dòighean-obrach, an dèidh riaghladh bho Ofgem a thuirt gun robh iad a' mealladh an luchd-cleachdaidh. Chaidh càin £8.5m air Scottish Power, agus Ofgem ag ràdh gun do bhris iad riaghailtean margaidh nuair a bha iad a' feuchainn ri toirt air luchd-cleachdaidh gluasad bho chompanaidhean eile.

Siria

Tha ministearan cèine à dùthchannan Arabach agus dùthchanan an taobh siar a' coinneachadh ann an Lunnainn an-diugh ri riochdairean nan Reubaltach ann an Siria, agus iad ag iarraidh orra pàirt a ghabhail ann an còmhraidhean sìthe ann an Geneva air an ath-mhìos. Tha na buidhnean reubaltach air a bhith ag ràdh ron a seo nach eil iad deònach coinneachadh ri riochdairean an Riaghaltais aig a' Cheann-suidhe Assad.

Israel

Mharbh saighdearan Israelach fear de bhuidhinn armaichte Phailistinianach air a' Bruaich an Iar. Tha Israel ag ràdh gun robh an duine air cùlaibh ionnsaigh boma air bus ann an Tel Aviv an-uiridh anns an deach còrr is 20 duine a ghoirteachadh.

Ciseorn

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' beachdachadh an-diugh air plana airson seann ghàradh-ola Chiseoirn air taobh siar Rois a leasachadh airson innealachd a thogail do chumhachd ath-nuadhachail aig muir. Tha luchd-leasachaidh ag ràdh gum faodadh 2,500 cosnadh a bhith ann. Ach tha feadhainn a' cur teagamh anns an àireimh sin 's iad ag ràdh gum biodh an leasachadh dona cuideachd do dh'àrainneachd na mara san sgìre. Tha oifigich dealbhachaidh Chomhairle na Gàidhealtachd a' moladh cead dhan phlana.

Rubha an Fhithich

Tha pumpaichean connaidh ùra aig ionad Rubha an Fhithich ann an ceann a deas nan Loch ann an Leòdhas a' fosgladh gu h-oifigeil an-diugh. Tha Co-chomann na Pàirce air a bhith ag obair airson còrr is bliadhna air a' phròiseact, le taic-airgid bho bhuidhnean eile.