Ceist mu phoileasaidh taigh-staile

  • Air fhoillseachadh
Whyte and MacKay
Fo-thiotal an deilbh,
Bidh a' chompanaidh a' ceannach màis à thall-thairis, an àite cruinneachd ionadail.

Thathas ag iarraidh air a' chompanaidh uisge-bheatha Whyte and MacKay mìneachadh carson nach gabh iad ri arbhair bho thuathanaich air taobh sear Rois aig an taigh-staile aca ann an Inbhir Ghòrdain.

Thuirt Aonadh Nàiseanta nan Tuathanach (NFUS) gu bheil a' chompanaidh a' cleachdadh màis à thall-thairis, an àite cruinneachd ionadail airson spiorad grànach a dhèanamh.

Tha BPA na sgìre, Rob Gibson, air sgrìobhadh chun na companaidh ag iarraidh gun coinnich iad ri riochdairean thuathanach na sgìre airson am poileasaidh a mhìneachadh.

Thuirt Mgr Gibson gun do dh'innis a' chompanaidh dha gur ann co-cheangailte ri càilleachd na cruinneachd ionadail a tha an co-dhùnadh.

Ach thuirt e, às dèidh samhraidh cho math 's a bh' ann am bliadhna, cha bu chòir gum bi a' chàilleachd na trioblaid.

"Tha Whyte and MacKay ag ràdh gu bheil foghairean truagha air a bhith ann, 's gu bheil an gràn nas bige, ga dhèanamh nas duilghe dhaibh a phròiseasadh," thuirt e.

"Ach, gu follaiseach, tha tighinn aig taighean-staile grànach eile ann an Alba air a' chruinneachd seo à taobh sear Rois a phròiseasadh.

"Saoilidh mi gu bheil feum againn fhathast air coinneamh le Taigh-staile Inbhir Ghòrdain feuch de na roghainnean a th' ann.

"Tha samhradh math air a bhith ann, agus creididh mi gum feum iad measadh a dhèanamh air bàrr na bliadhna seo, mus can iad an leithid.

"Tha eagal orm gu bheil e nas saoire dhaibhsan màis a cheannach, agus nach eil aca ach leisgeul.

"Tha mi an dòchas gun tèid againn air coinneamh a chumail airson na puingean seo a dheasbad," thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh