Broc ga bhualadh gu bàs an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh

Tha Comann na h-Alba airson Dìon Bheathaichean (SSPCA) a' rannsachadh mar a chaidh broc a lorg marbh, 's e air a dhochann gu bàs, ann an Inbhir Nis.
Chaidh am beathach a ghlacadh ann an ribe air a dhèanamh de shreang bèilear, agus b'e buile trom dhan cheann a thug bàs dha.
Chaidh am broc a lorg le dithis bhoireannach a bha a' coiseachd air ceum ann an sgìre nan Innseagan air 30mh an t-Sultain.
Bha Àrd-Inspector an SSPCA, Gill NicGriogair, den bheachd an toiseach gun deach amhaich a' bhruic a ghearradh, ach 's e gun robh an sreang cho domhainn a-steach na amhaich.
Thuirt i gun robh am beathach air a dhol tro phian uabhasach mus deach a mharbhadh.
Thuirt i cuideachd gur coltach gun deach am beathach a mharbhadh a dh'aona-ghnothach, 's a chur air ceum-coiseachd a th' air a chleachdadh le mòran dhaoine, 's dòcha gus an gabhadh a lorg.
Chan eil broc-lannan sam bith air eòlas anns an sgìre.
Tha an SSPCA ag ràdh gum bu mhath leotha bruidhinn ri duine dhan aithne dad mun ghnothach.