Alba ann am Páirc an Chrócaigh

Geama 2012 Image copyright Neil G Paterson
Image caption Bhuannaich na h-Èireannaich gu furasta an-uiridh.

Bidh sgioba iomain na h-Alba air an àrd-ùrlar as motha ann an spòrs na h-Èireann Disathairne is iad a' dol an aghaidh sgioba iománaíochta thaghte aig Páirc an Chrócaigh ann am Baile Átha Cliath.

'S ann a' lorg dìoghaltais a tha na h-Albannaich às dèidh dhaibh droinneadh fhaighinn aig làmhan nan Eìreannach an-uiridh.

Rinn na h-Èireannaich a' chùis 25-19 ann an Inbhir Nis agus chaidh cùisean buileach ceàrr san dàrna geama ann an Inis, is Èirinn a' glèidheadh 51-23.

Chan eil e na iongnadh, mar sin, gu bheil manaidsear na h-Alba, Drew MacNèill, a' gealltainn atharrachaidhean am bliadhna.

"Feuchaidh sinn rudan car diofraichte," thuirt e.

"Làmhan"

"Cha bhi sinn a' leigeil leis na h-Èireannaich ruith leis a' bhall, is cleachdaidh sinn ar làmhan gus stad a chur orra, an aon dòigh 's a bhios iad fhèin a' cleachdadh.

"Feumaidh sinn a bhith nas làidire sinn fhìn cuideachd a bhith a' bristeadh air falbh nuair a tha iadsan a' feuchainn ris a' bhall a thoirt bhuainn," thuirt e.

Bidh aig na h-Albannaich cuideachd ri coimhead às ùr air cruth na sgioba.

An-uiridh thug na h-Èireannaich barrachd dhaoine air ais timcheall air an tadhal, a' fàgail gun robh e glè dhuilich do dh'Alba beàrn idir a lorg san loidhne-dìon.

Aig ceann eile na pàirce, chuir na h-Albannaich dìreach aon chluicheadair air gach cluicheadair Èireannach, a dh'fhàg pailteas rùm aig na h-Èireannaich is abair gun do chleachd iad e.

Làidir

Tha MacNèill air buidheann làidir ainmeachadh a-rithist am bliadhna is dithis den luchd-dìon as fheàrr a th' ann, Tormod Caimbeul à Bail' Ùr an t-Slèibh is Dòmhnall Irvine à Caol Bhòid, am measg na bhios aig a' chùl.

Nas fhaide shuas a' phàirc tha Caoimhin Bartlett, fear a rinn glè mhath do dh'Alba an-uiridh, is bidh taic aigesan à leithid Friseal is Glen Mac an Tòisich.

'S e là sònraichte a bhios ann cuideachd dha na bràithrean MacRath à Ceann Loch Seile agus Cè, Fionnlagh is Iain uile air an taghadh do dh'Alba.

Tha na h-Èireannaich a-rithist air sgioba a thaghadh à cuid de na sgiobaidhean as laige san spòrs ach le rionnag no dha ann 'son taic a thoirt dhaibh.

Am measg nan rionnagan sin bidh Shane Ó Néill à Corcaigh a chluich ann an cuairt dheireannach Farpais na h-Èireann bho chionn beagan sheachdainnean.

Nas Fheàrr

Bidh Ó Néill an dòchas gun tèid cùisean beagan nas fheàrr dha Disathairne is Corcaigh air an geama sin a chall is 5 tadhail a leigeil a-steach.

Tòisichidh an geama Disathairne aig 4:15f is chithear e air BBC Alba aig 7:00f.

Bidh dùil ri sluagh an ìre mhath mòr aig a' gheama is Èirinn a' cluich Àstrailia ann am Páirc an Chrócaigh às a dhèidh ann an geama measgaichte ball-coise na h-Èireann is ball-coise Àstrailia.

Bidh an dàrna geama aig Pàirc a' Bhucht an ceann seachdain, is bidh geama nam ban is geama aig ìre fo 21 ann an là sin cuideachd.

Tha na buidhnean 'son prìomh gheama nam fear mar a leanas:

Alba

Conor Cormack (A' Mhanachainn), John Barr (Gleann Urchadain), Stiùbhart Mac an Tòisich (Gleann Urchadain), Liam Dòmhnallach (Cill Mhàillidh), Fionnlagh MacRath (Ceann Loch Seile), Iain MacRath (Ceann Loch Seile), Cè MacRath (Ceann Loch Seile), James Hutchison (Ceann a' Ghiuthsaich), Lee Bain (Ceann a' Ghiuthsaich), Dòmhnall Irvine (Caol Bhòid), Shaun MacNeacail (Loch Abar), Caoimhin Bartlett (Lòbhat), Callum Cruden (Lòbhat), Stiùbhart Dòmhnallach (Lòbhat), Tormod Caimbeul (Bail' Ùr an t-Slèibh - sgiobair), Steafan Dòmhnallach (Bail' Ùr an t-Slèibh), Friseal Mac an Tòisich (Bail' Ùr an t-Slèibh), Glen Mac an Tòisich (Bail' Ùr an t-Slèibh), Daniel Camshron (Camanachd an Òbain).

Èirinn

Bernard Rochford (Ciarraí), Danny Cullen (Dún na nGall), Paul Divilly (Cill Dara), David English (Ceatharlach), Arron Graffin (Aontroim), Cahir Healy (Laois), Richie Hogan (Cill Chainnigh), Gareth Johnson (An Dún), Jack Kavanagh (Ceatharlach), Brendan Maher (Tiobraid Árann), Patrick Maher (Tiobraid Árann), Kieran McKiernan (Àrd Mhacha), Neil McManus (Aontroim - sgiobair), Derek McNicholas (An Iarmhí), Darragh O'Connell (Ciarraí), Eoin Reilly (Laois), Shane Ó Néill (Corcaigh), Eoin Price (An Iarmhí), Conor Woods (An Dún).