Fireannach fo chasaid spadaidh mhì-laghail

  • Air fhoillseachadh

Nochd fireannach, 24, ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Steòrnabhagh fo chasaid gun do bhirst e riaghailtean sàbhailteachd bidhe.

Tha Tormod Caimbeul, à Arnoil ann an Leòdhas, fo chasaid gun robh e a' ruith taigh-spadaidh à bàthaich air a' chroit aige.

Às dèidh don SSPCA fiosrachadh fhaotainn, rinn oifigich sgrùdadh air a' bhàthaich anns an t-Samhain 2011.

Lorg iad còrr air 30 closach agus faisg air 80 ceann-caorach.

Tha Mgr Caimbeul a' dol às àicheadh gun robh e a' ruith gnìomhachais agus gur ann dha fhèin agus dha theaghlach a bha an fheòil air fad.

Tha a' chùis a' leantainn.