Uamh Smùdha fosgailte a-rithist
- Air fhoillseachadh

Bha creagan ann an cuid den uaimh feumach air obair sàbhailteachd.
Chaidh Uamh Smùdha ann an Diùranais ath-fhosgladh, às dèidh obair gus creagan a dhèanamh seasmhach.
Chaidh an uamh a dhùnadh san t-Sultain, agus dragh ann nach robh i sàbhailte.
'S e am beul-uamha as motha ann an clach-aoil a th' ann am Breatainn, agus bi an uamh a' tàladh còrr is 43,000 luchd-turais sa bhliadhna.
Faodar turas a ghabhail a-steach nas doimhne san uaimh ann am bàta, fo stiùir eòlaichean ionadail.
Bidh prògram a' BhBC The One Show a' craoladh às an uaimh oidhche Ardaoin.