Madaidhean-allaidh gus tilleadh?

Tha fear le oighreachd ann an ceann a tuath na h-Alba am beachd madaidhean-allaidh agus mathain a thilleadh chun na Gàidhealtachd taobh a-staigh trì bliadhna.

Tha Pòl Lister, a fhuair milleanan bhon chompanaidh àirneis MFI, am beachd 20,000 heactair a chur an dara taobh air Oighreachd Aladail, a tha faisg air an Àird Ghaoithe ann an Cataibh, airson mu dhusan madadh-allaidh an toiseach.

Chaidh madaidhean-allaidh à bith air a' Ghàidhealtachd bho chionn linntean, ach tha cuid de eòlaichean taiceil am beachd an toirt air ais.

Thuirt iad gum faodadh am plana planntrais is eòin, a tha an-dràsta a' fulang seach gu bheil fèidh cho paillt, a chuideachadh.