Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An Dàmhair 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Stoirm

Chaidh nighean a bha seachd bliadhna deug de dh'aois a mharbhadh anns an stoirm mhòir ann an ceann a deas Shasainn nuair a thuit craobh air a dachaigh ann an Kent. Chaidh duine a mharbhadh ann an Watford le craobh a thuit air càr agus chan eil dùil nas motha ri gille, ceithir bliadhna deug de dh'aois, leis an do dh'fhalbh a' mhuir ann an Sussex an-dè. Ged a tha e coltach gu bheil a' chuid as miosa dhe seachad, rinn an stoirm agus tuiltean sgrios air goireasan siubhail sa mhadainn an-diugh agus tha còrr is dà cheud mìle dachaigh gun dealan.

News of the World

Tha dithis a bha aig aon àm nan deasaichean air an News of the World aig Cùirt an Old Bailey far am bheil iad fo chasaid mu fhar-chluais air fònaichean. Tha Rebekah Brooks agus Andy Coulson, a bha an dèidh sin os cionn conaltraidh do Dhaibhidh Camshron, a' dol as àicheach nan casaidean nan aghaidh.

Bàs

Chaidh duine a mharbhadh a-raoir nuair a chaidh an càr aige far an rathaid faisg air Drochaid an Aonachain. Bha rathad an A82 dùinte airson seachd uairean de thìde, ach dh'fhosgail e a-rithist sa mhadainn an-diugh. Agus chaidh duine a mharbhadh sa mhadainn an-diugh ann an tubaisd rathaid ann am Dùn Phris is Gall Ghaidhealaibh, air an A75 faisg air Gatehouse of Fleet.

Tinneas Inntinn

Tha banntrach Dhiùc Hamaltan ag iarradh atharrachadh san lagh gus am feum barrachd air dithis dhaoine an ainm a chur ris an òrdugh fo am bi euslaintich gan cumail ann an ospadal thinneas inntinn an aghaidh an toil. Tha ise a' gearain air an dòigh san deach an Diùc a chur dhan ospadal ann an 2009 agus e a' fulang le Alzheimers. Chaochail e goirid an dèidh sin.

Connadh

Tha sgeama faochaidh a' chonnaidh - a tha an-dràsta an-sàs anns na h-Eileanan le dùil gun tèid a leudachadh gu cuid de sgìrean air tìr-mòr - a' dèanamh cron air sgìrean iomallach eile - a-rèir tè de chomhairlichean na Gàidhealtachd. Tha Audrey Nic na Ceàrdaich, a tha a' riochdachadh Taobh Siar Rois, ag ràdh gu bheil an Caol agus Loch Carrann air fulang leis gu bheil an connadh nas saoire beagan mhìltean air falbh anns an Eilean Sgitheanach.

Sgoil ùr Uibhist a Tuath

Tha pàrant ann an Loch nam Madadh a' fagail air Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad air co-dhùnadh mu thrath sgoil ùr Uibhist a Tuath a thogail ann am Paibeil a dh'aindeoin 's gu bheil co-chomhairleachadh a' dol an dràsta air làrach son na sgoile. Tha Tormod MacLeòid air a bhith a' bruidhinn ro choinneamhan co-chomhairleachaidh ann an Loch nam Madadh, Paibeil agus Càirinis an t-seachdain seo.