Moireibh gun mhaor-trafaig

  • Air fhoillseachadh

Tha dragh ann am Moireibh nach bi smachd sam bith air parcadh sa sgìre nuair a dh'fhalbhas am maor-trafaig mu dheireadh aig deireadh na seachdain-sa.

Coinnichidh comhairlichean Dimàirt a dheasbad dè nì iad nuair a leigeas Poilis na h-Alba an t-seirbheis mhaor-trafaig ionadail seachad.

Bidh ùghdarras aig na poilis ticeadan a thoirt do dhaoine a bhios a' parcadh gu mì-laghail fhathast, ach leis gu bheil mòran dleastanasan eile aca, tha dragh ann mun bhuaidh a bheir an t-atharrachadh seo air bailtean Mhoireibh.

Faodaidh ùghdarrasan ionadail iarraidh nach bi smachd air parcadh air a mheas mar rud aig a bheil ceangal ri eucoir gus am faigh an luchd-obrach aca air ticeadan a thoirt do dhaoine.

Ach, thuirt oifigearan aig Comhairle Mhoireibh nach bu chòir càil a dhèanamh gus an tèid sgrùdadh nàiseanta air seirbheisean nam maor-trafaig a dhèanamh.