Dragh mòr mu thuath-gaoithe

  • Air fhoillseachadh

Thuirt RSPB na h-Alba gu bheil iad cho dhraghail mu phlana gus tuath-gaoithe le 47 crainn a thogail an earra-thuath Chataibh sa bha iad mu pròiseict sam bith eile a-riamh.

Tha SSE an dùil sgeama Srathaidh a Deas a thogail air a' mhòintich ris an canar Flow Country.

Fhuair a' chompanaidh cead airson 33 crainn ann an Srathaidh a Tuath ann an 2011.

Thuirt an carthannas gum bu chòir leigeil dhen làrach ùr, far an deach craobhan a chur, a dhol air ais na boglach.

Tha iad ag ràdh gur e àite cudthromach a th' ann do eòin.

Tha Urras Fiadh-bheatha na h-Alba cuideachd an aghaidh a' phlana.

Chaidh beachd iarraidh bho SSE air na bha RSPB na h-Alba ag ràdh.