Beachdan gan sireadh air lagh croitearachd

  • Air fhoillseachadh
Talamh croiteTùs an deilbh, Hazel Smith
Fo-thiotal an deilbh,
Feumaidh croitearan an croitean a chlàradh bho dheireadh na Samhna.

Thèid beachdan chroitearan agus eòlaichean lagha iarraidh a thaobh càite a bheil beàrn, laigse no duilgheadas ann an laghan croitearachd.

Cruinnichidh Buidheann Lagh na Croitearachd am fiosrachadh sin ann am fòram air am bheileas a' gabhail "sump" mus tèid a thoirt dhan Riaghaltas.

"Bha trioblaid mhòr ann a thaobh dì-chroitearachd airson chroitearan a cheannaich na croitean aca gu lèir," thuirt an t-eòlaiche air lagh na croitearachd, Calum MacLeòid.

"Bha aig an Riaghaltas ris an lagh atharrachadh airson a' mhearachd sin a chur ceart.

Duilgheadasan

"Ach bha fhathast trioblaidean ann, agus bhruidhinn Buidheann Lagh na Croitearachd ri Riaghaltas na h-Alba, agus am Ministear Pòl Wheelhouse.

"Gheall am ministear gun èisteadh e ri aithisg no beachdan aig a' bhuidhinn, agus gun èisteadh e ris na trioblaidean a bh' ann a thaobh lagh na croitearachd.

"'S e na prìomh dhuilgheadasan, ma tha barrachd na aon neach air croit a cheannach 's i air a roinn eadar triùir no ceathrar chroitearan, feumaidh iad uile aontachadh airson tagradh a chur a-steach airson dì-chroitearachd.

"Tha tuilleadh thrioblaidean fhathast ann cuideachd a thaobh talamh a thoirt a-mach à smachd croitearachd. A thaobh tagradh a chur a-steach gu Cùirt an Fhearainn ann an Dùn Èideann. Tha e gu math doirbh sin a dhèanamh fhathast.

"Agus cuideachd chan urrainn do chroitearan a th' air na croitean aca a cheannach pàirt den chroit aca a reic às aonais dì-chroitearachd, no aonta fhaighinn bho Choimisean na Croitearachd.

"Tha ceist gu math bunaideach ann cuideachd, 's chan e ceist phoileataigeach a th' ann, ach carson a tha na riaghailtean cho teann agus cho duilich a thaobh croitearachd?

"Dè tha sinn airson a dhèanamh a thaobh croitearachd? Tha ceist bhunaideach ann fhathast mu dheidhinn sin.

"Ach cuideachd ann am mìos, bidh dleastanasan ùra air croitearan na croitean aca a chlàradh ann an clàr ùr.

"Tha e air a bhith saor-thoileach airson bliadhna, ach bho dheireadh na Samhna bidh dleastanas ùr air croitearan na croitean aca a chlàradh.

"Tha mi cinnteach gun nochd barrachd thrioblaidean a thaobh sin cuideachd.

"Feumaidh an Riaghaltas èisteachd, oir an-dràsta, tha duilgheadasan ann, agus tha an lagh dìreach ro dhuilich an-dràsta," thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh