Fo-thaghadh ann an Gallaibh

Bhòtadh
Image caption Bidh am fo-thaghadh ann air an 28mh den t-Samhain.

Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd gun seas còignear thagraichean ann am fo-thaghadh gus comhairliche ùr a thaghadh ann an Gallaibh.

Chaidh am fo-thaghadh a ghairm agus Ailig MacLeòid air a dhreuchd mar fhear de chomhairlichean na sgìre fhàgail.

Tha na tagraichean mar a leanas;

  • Ed Boyter, Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba
  • Kerensa Carr, Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba
  • Tina Irving, Neo-eisimeileach
  • Winifred Nic an an t-Sutharlanaich, Neo-eisimeileach
  • Matthew Reiss, Neo-eisimeileach

Bidh am fo-thaghadh ann Diardaoin an 28mh den t-Samhain is thèid na bhòtaichean a chunntadh anns na Seòmraichean Chruinneachaidh an Inbhir Uige an ath-là.

Tha triùir nan comhairlichean san sgìre mar-thà, Dàibhidh Bremner, Willie MacAoidh agus Gillian Coghill.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile