Am prìosan do dhrabasdair Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Cùirt an t-Siorraidh, Inbhir Nis.Tùs an deilbh, Dr Richard Murray
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh Iain Seathach fhaighinn ciontach leis a' mhòr-chuid den diùraidh aig Cuìrt an t-Siorraidh an Inbhir Nis.

Chaidh binn prìosain 18 mìosan air fear às Inbhir Nis a dh'fheuch ri boireannach èigneachadh sa bhaile.

Bha Iain Seathach, 59, air leigeil air gun robh grèim-cridhe a' tighinn air gus am boireannach, 27, a thàladh thuige is i a' ruith ri taobh a' Chanàil Chailleanaich air an 18mh den Fhaoilleach 2012.

Chaidh aig a' bhoireannach air teicheadh bho Sheathach.

Chuir Seathach tagradh air adhart an toiseach gun robh e air an eadar-lìon aig àm na h-ionnsaigh.

Cùirt

Chuala Cùirt an t-Siorraidh an Inbhir Nis ge-tà, gun do dh'aidich e ris na Poilis gun do thachair e ris a' bhoireannach ri taobh a' chanàil is gun do dh'fheuch e ri pòg a thoirt dhi.

Chaidh Seathach às àicheadh gun tug e ionnsaigh air a' bhoireannach is gun robh e 'son a h-èigneachadh, ach fhuaireadh ciontach e leis a' mhòr-chuid den diùraidh.

A thuilleadh air a' bhinn phrìosain a chuir an Siorram air, bidh Seathach cuideachd fo sgrùdadh 'son 30 mìosan nuair a gheibh e a shaorsa.

Thèid Seathach cuideachd a chur air Clàr nan Drabasdairean 'son 10 bliadhna.