Geòidh "nan cunnart" do chroitearachd

Air fhoillseachadh
Fo-thiotal an deilbh,
Tha croitearan ag ràdh gum bi na geòidh a' dèanamh sgrios air talamh àiteachais.

Tha croitearachd ann an Uibhist ann an cunnart ri linn nan gèadh glasa, a rèir Chaidreachas Croitearachd na h-Alba.

Nochd àrd-oifigear na buidhne, Padraig Krause, aig Comataidh nan Ath-chuingean Poblach aig Holyrood Dimàirt.

Chuir an Caidreachas ath-chuinge mu na geòidh air beulaibh na comataidh.

Tha an ath-chuinge, a fhuair taic bho chòrr is 400 duine, ag iarraidh air an Riaghaltas gluasad gu sgiobalta gus dèiligeadh ris na trioblaidean a tha air èirigh bho na th' ann de gheòidh ann an sgìrean croitearachd.

A bharrachd air sin, tha an ath-chuinge airson 's gum beachdaich an Riaghaltas às ùr air an taic-airgid a thathas a' toirt seachad do sgeamaichean gus smachd a chumail air àireamh nan gèadh, agus am bu chòir an tuilleadh a thoirt seachad.

Dh'innis Mgr Krause dhan chomataidh gu bheil na geòidh gu sònraichte nan trioblaid ann an Uibhist.

Thuirt e gu bheil iad a' dèanamh sgrios air àrainneachd phrìseil a' mhachaire is gum faod iad fiù 's cur às do chroitearachd ann an Uibhist uile gu leìr.

Thuirt e gur e buill na buidhne ann an Uibhist a thog an ath-chuinge anns a' chiad dol-a-mach.

Air a' cheann thall dh'aontaich Comataidh nan Ath-chuingean Poblach an gnothach a chur air beulaibh Comataidh nan Cùisean Dùthchail agus na h-Àrainneachd cho luath 's a ghabhas.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh