Sgaradh bheachd mu Aladail

  • Air fhoillseachadh
Madadh-allaidh
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Mgr Lister airson na beathaichean a leigeil ma sgaoil air an oighreachd aige.

Tha sgaradh bheachd air nochdadh mu na planaichean aig an uachdaran Pòl Lister gus madaidhean-allaidh a chur air an oighreachd aige an Aladail ann an Cataibh.

Do chuid, chan eil adhbhar sam bith dragh a ghabhail mu dheidhinn.

Ach tha eòlaichean lagha a' cumail a-mach gum faodadh an gnothach a dhol dhan chùirt nan cuireadh e stad air daoine bho bhith a' coiseachd anns an àite.

"Tha e inntinneach nuair a tha thu a' coimhead air an eagal a th' air Eòrpaich mu choinneimh a' mhadaidh-allaidh," thuirt an t-eòlaiche àrainneachail, Ruairidh MacIlleathainn.

Suim eaconamach

"Nuair a bha mi ann an Nirribhidh, bha mi a' cur cheistean air na daoine a-muigh anns na beanntan dè seòrsa beachd a bh' aca fhèin, oir tha am madadh-allaidh sa cheann a tuath, ach bha seo sa cheann a deas, cha robh iad ga iarraidh idir. Bha an t-eagal orra ro na beathaichean sin.

"Ach nuair a tha thu a' coimhead air mar a tha an creutair seo ann an diofar dhùthchannan, chan eil mac an duine ann an cunnart bhon mhadadh-allaidh mar a bu trice idir idir.

"'S e rud a bhiodh ann an cunnart 's dòcha, caoraich agus fèidh.

"Ma tha daoine a' cur suim eaconamach anns na rudan sin, uell tha daoine a' dol a dh'fhulang air sàilleabh call nam fiadh agus nan caorach.

"'S ann an sin a tha an cunnart do mhac an duine agus gnothaichean eaconamach air a' Ghàidhealtachd," thuirt e.

Tha Ruairidh a' togail iomadh eisimpleir de bheathaichean a bhith air an tilleadh gu àiteachan far a bheil iad air a dhol à bith roimhe.

"Tha grunn àiteachan far a bheil an leithid a' tachairt gu h-eadar-nàiseanta, agus beathaichean air a bhith gan toirt a-steach a-rithist dhan dùthaich dham buineadh iad o shean, agus bha iad air a dhol à bith annta," thuirt e.

"Chunnaic sinn an dearbh rud ann an Alba leis a' chapall-choille.

"Tha dà thuras a tha an capall-coille air tighinn air ais a dh'Alba. Agus smaoinich cho truagh 's a bhiodh Alba às aonais a' chapaill-choille, ged a tha e ann am beagan cunnart an-dràsta.

"Tha sinn air faicinn sin a' tachairt mar thà.

"Leis a' bhìobhair, an dobhar-chù, tha sinn a' faicinn sin a' tilleadh a-nise ann an deuchainn ann an Earra-Ghàidheal, 's tha e a' dol gu math soirbheachail.

"Chunnaic sinn thar nam bliadhnaichean mar a thàinig an t-iolaire-mhara a-steach, ged nach eil a h-uile duine ag aontachadh ri sin, 's tha cuid de chroitearan is tuathanaich mì-thoilichte mu dheidhinn," thuirt e.

Co-dhiù bhiodh beathaichean leithid a' mhadaidh-alaidh 's a' mhathain nan cunnart do mhac an duine, tha aon rud eile mun ghnothach a' cur dragh air Ruairidh, mar fhear a bhios a' coiseachd.

"'S e rud a tha math mu dheidhinn Alba ann an iomadach dòigh, chan eil e gu diofar cà bheil crìoch oighrerachd.

"Faodaidh tu coiseachd thairis orra, agus mar as trice chan eil feansa an-àirde.

"'S ma tha feansaichean a' dol a dhol an-àirde air crìochan nan oighreachdan, bidh sinn a' faicinn a' Ghàidhealtachd agus na beanntan gu sònraichte, air am briseadh an-àirde gu mòr.

"Agus gu math tric, tha na crìochan a' ruith an dà chuid air allt, no air druim beinne.

"Tha mi a' smaoineachadh gun cuireadh sin dragh air mòran.

"Nuair a tha thu a' coimhead air Aladail mar eisimpleir, choisich mise thairis air Oighreachd Aladail bho thaobh an ear na dùthcha dhan taobh an iar, oir bha sinn ag iarraidh a dhol suas gu mullach Seann Bhràigh.

"Sin tè de na beanntan as inntinniche an Alba, air sàilleabh 's gu bheil an t-amadan-mòintich a' neadachadh ann.

"Nam biodh feansa air a bhith ann, bha bacadh air a bhith oirnn o bhith a' faighinn gu mullach na beinne.

"Saoilidh mi gur e droch rud a bhiodh ann nam biodh cus fheansaichean a' dol suas," thuirt e.