Pàrantan 'son sgoil ùir sa Chlachan

Paibeil Image copyright Anne Burgess/Geograph
Image caption Tha Comhairle nan Eilean Siar am beachd sgoil ùr Uibhist a Tuath a thogail ann am Paibeil.

Rinn pàrantan ann an Loch nam Madadh soilleir do Chomhairle nan Eilean Siar aig coinneimh oidhche Mhàirt gur ann anns a' Chlachan a tha iad ag iarraidh sgoil ùr an eilein a thogail.

Tha a' chomhairle a' dol a thogail bun-sgoil ùr a thèid an aite an fheadhainn a th' ann an-dràsta, is tha iad a' moladh a togail air làraich sgoil Phaibeil.

Thuirt pàrantan Loch nam Madadh nach biodh sin freagarrach dhan chuid chloinne.

Thog iad dragh aig a' choinneimh gum biodh Paibeil ro fhada air falbh dhaibh is mu 13 mìle eadar an dà àite.

Gealltanas

Thuirt feadhainn gun d' fhuair iad gealltanas air choireigin bhon chomhairle ron a seo gur ann sa Chlachan a bhiodh sgoil ùr stèidhichte.

Tha iad den bheachd gum biodh An Clachan ann am meadhan an eilein glè fhreagarrach.

Dh'innis riochdairean Comhairle nan Eilean Siar aig a' choinneimh gur e foghlam na cloinne am prìomh amas nuair a tha iad a' taghadh làrach airson sgoil ùir.

Thuirt iad gu bheil làrach Phaibeil mòr gu leòr 'son sgoil ùir agus pàirc spòrs feòir agus pàirc phlastaig a thogail.

'S ann leotha a tha an làrach mar-thà, is thuirt iad gu bheil sin a' ciallachadh gun gabh an sgoil ùr a thogail nas luaithe agus nas saoire na b'urrainn dhaibh aig àiteachan eile.

Sùil

Dh'innis iad gun tug iad sùil air 12 làraich uile gu lèir.

Nochd beachd am measg phàrantan cuideachd gu bheil làrach Phaibeil ann an cunnart bho thuiltean.

Dh'innis Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad air stiùireadh fhaighinn bho SEPA nach biodh tuiltean nan cunnart aig an làraich.

Thathas an dòchas gun tig co-dhùnadh deireannach bhon chomhairle mu làrach na sgoile trath ann an 2014.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile