ICT troimhe an Cupa na Lìge

  • Air fhoillseachadh
ICTTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Caley Thistle anns an iar-chuairt dheireannaich de Chupa na Lìge a-rithist.

Chaidh Caley Thistle Inbhir Nis air adhart dhan iar-chuairt dheireannaich de Chupa na Lìge nuair a rinn iad a' chùis 2-1 air Dundee United.

'S iad United a chaidh air thoiseach trath a gheama le tadhal bho Keith Watson às dèidh ball bho Ryan Gauld.

Chaidh an ceòl air feadh na fidhle faisg air deireadh na ciad leth le cha mhòr a h-uile cluicheadar air a' phàirc a' dol an sàs ann am buaireadh às dèidh tachartas eadar Richie Foran is Gary Mackay-Steven

Nuair a bha an tuasaid seachad, chaidh càirt dhearg a shealltainn do Nadir Ciftci aig United is càirtean buidhe do Gavin Gunning is Paul Paton aig United, cho math ri Mackay-Steven is Foran fhèin.

Chaidh manaidsear ICT, Terry Butcher, is leas mhanaidsear United, Darren Jackson, cuideachd a chur dhan stand.

Le cluicheadar a bharrachd aca, bha làmh an uachdair a-nise aig Caley Thistle is bha iad co-ionann trath san darna leth, Gary Warren a' cur a' bhuill dhan lìon le chinn às dèidh breab saor bho Graeme Shinnie.

Bha cothroman gu leòr aig Caley an geama a bhuannachadh is mu dheireadh thall thàinig an tadhal cudromach anns na dìogan mu dheireadh de dh' ùine a bharrachd, Ross Draper a' stiùireadh a' bhuill seachad air Radoslaw Cierzniak gus ICT a chur san iar-chuairt dheireannaich.