Gearanan mu sgeama a' chonnaidh
- Air fhoillseachadh

Nochd gearanan mun doìgh sa tha Riaghaltas Westminster air leudachadh san sgeama faochaidh aca air prìsean connaidh a làimhsicheadh.
Chuir an Riaghaltas sgeama an sàs ann an eileanan na h-Alba mar-thà a tha a' toirt 5sg far gach liotar de chonnadh.
Tha iad a-nise am beachd an sgeama a leudachadh gu cuid de sgìrean air Tìr Mòr.
Tha feadhainn aig a bheil stèiseanan connaidh air a' Ghàidhealtachd ag ràdh ge-tà nach d'fhuair iad cothrom na fèinne a dhol an sàs san leudachadh.
Thuirt Stèisean Coimhearsnachd na Comraich nach robh ùine gu leòr aca freagairt a chur a-steach dhan cho-choimhearlachaidh is nach deach leotha nuair a dh'iarr iad ùine a bharrachd.
Draghan
Thuirt am BP Gàidhealach Teàrlach Ceanadach gu bheil grunn stèiseanan air draghan a thogail leis mun chùis.
Dh'innis e gu bheil e air bruidhinn ri Roinn an Ionmhais mu dheidhinn is gu bheil dùil aige coinneachadh riutha an ath-sheachdain.
Aig toiseach na seachdain thuirt tè de chomhairlichean na Gàidhealtachd, Audrey Nic na Ceardaich, gun do rinn an sgeama cron air cuid de sgìrean is daoine a' falbh gu bailtean eile 'son connadh nas saoire fhaighinn.
Thuirt i gum bu chòir beachdachadh air an sgeama a leudachadh gu Tìr Mòr na Gàidhealtachd air fad.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh28 An Dàmhair 2013
- Air fhoillseachadh16 An Dàmhair 2013