Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An Dàmhair 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Pàipearan-naidheachd

Tha gnìomhachas nam pàipear-naidheachd a' dol dhan Àrd-Chùirt a dh'fheuchainn ri stad a chur aig a' mhionaid mu dheireadh air riaghailtean ùra a tha na pàrtaidhean poileataigeach am beachd a chur orra. Tha an Riaghaltas ann an Westminster ag ullachadh airson a dhol gu Comhairle Dhìomhair na Ban-Rìgh feasar an diugh a dh'iarradh cead do Bhann Sgrìobhte a chuireadh rian air na pàipearan. Tha an gnìomhchas ag ràdh gu bheil cunnart mòr ann do dh'eachdraidh fad 300 bliadhna de shaorsa anns na pàipearan-naidheachd. 'S ann aig Holyrood a tha smachd air na pàipearan-naidheachd ann an Alba, ach ghabh Riaghaltas na h-Alba mar thà ris an t-siostam a tha Westminster a' moladh.

Peinnseanan

Nì Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte co-chomhairle air plana a chuireadh smachd air na cosgaisean air peinnseanan san àite-obrach agus iad ag ràdh gu bheil feadhainn a tha a' sàbhaladh ann am peinnsean a' pàigheadh mòran mhìltean an-dràsta ann an cosgaisean rianachd 's eile. Tha an Riaghaltas ag ràdh gu sàbhaileadh am plana aca deichean mhìltean not do mhòran.

Cumhachd

Tha ceannard aon de na companaidhean cumhachd as motha ann am Breatainn ag iarraidh rannsanadh mun mhargaidh. Chuir Tony Cocker, àrd-oifigeach na companaidh E.On litir dhan Phrìomhaire a' moladh dha gum biodh Coimisean na Farpais os cionn an rannsachaidh.

Sgoil ùr Uibhist a Tuath

Rinn pàrantan ann an Loch nam Madadh soilleir do Chomhairle nan Eilean Siar gur ann anns a' Chlachan a tha iad ag iarraidh sgoil ùr an eilein. Tha a' chomhairle a' moladh a togail air làrach sgoil Phaibeil ach tha pàrantan ann an Loch nam Madadh ag ràdh gu bheil sin ro fhada air falbh bhuapa agus tha iad ag ràdh gu bheil làrach Phaibeil ann an cunnart bho thuiltean. Tha dà choinneimh co-comharlichidh eile ann air a' chùis, ann an Sgoil Phaibeil feasgar an diugh aig 5.30 agus ann an Càrnais a-nochd aig 7.30.

A' Chòigeach is Asaint

Gheibh sgeama a chuireas dìon air àrainneachd na Còigich agus Asainte £3m bhon Chrannchar Nàiseanta. Tha dòchas ann gun toir an sgeama brosnachadh eaconamoch air an sgìre a bharrachd air cuideachadh dhan àrainneachd.

Breacais

Fhuair muinntir Bhreacais san Eilean Sgitheanach gealltanas bho Chòmhdhail na h-Alba gun tèid an rathad mòr tron bhaile aca a dhèanamh nas sàbhailte dhaibh. 'S e an A87 am prìomh rathad tron eilean agus tha muinntir Bhreacais air a bhith a' gearan bho chion fhada nach eil an rathad a rèir nan riaghailtean airson prìomh rathaid leis nach eil cabhsair ri thaobh. Ged nach fhaigh iad an cabhsair a tha iad ag iarraidh, tha muinntir an àite ag ràdh gur e adhartas a tha seo, ged nach eil an t-strì seachad fhathast. Bidh taisbeanadh air na planaichean ann an Talla Bhreacais feasgar Disathairne.