Adhartas am Breacais

  • Air fhoillseachadh
Breacais
Fo-thiotal an deilbh,
Chan eil cabhsair ri taobh an A87 tro Bhreacais.

Tha muinntir Bhreacais san Eilean Sgitheanach ag ràdh gu bheil iad toilichte le gealltanas bho Chòmhdhail Alba gun tèid an rathad mòr tron bhaile aca a dhèanamh nas sàbhailte dhaibh.

Thòisich na daoine a' gearan bho chion fhada nach robh an A87 tron bhaile a rèir nan riaghailtean airson prìomh rathaid leis nach eil cabhsair ri thaobh.

Tha iad ag ràdh gur e adhartas a th' ann gun dèan Comhdhail na h-Alba obair air an rathad.

"Tha iad a' dol a dh'obair air soidhnichean ceart a chur ann agus loidhnichean air an rathad", thuirt fear de mhuinntir an àite, Seonachan MacLeòid.

"Chan e cabhsair ceart a bhios ann ach rud ris an can iad "hardened verge" agus tha sin a' toirt dhuinn ceum air taobh an rathaid airson daoine a bhith a' coiseachd air agus bhiodh sin tòrr mòr nas sàbhailte airson a h-uile duine sa bhaile", thuirt e.

Thathas a' tuigsinn gun tèid cuibhrean den obrach a dhèanamh am bliadhna agus an còrr an ath-bhliadhna.

Lititr

Thuirt Mgr MacLeòid gun robh e a' tuigsinn gun tàinig adhartas air an t-suidheachadh às dèidh mar a sgrìobh nighean òg à Breacais, Lucy Small, litir gu Ailig Salmond.

Ged a tha muinntir an àite riaraichte gun tèid obair a dhèanamh ge-tà, gheall iad nach eil an t-strì 'son cabhsair fhaighinn seachad fhathast.

"S e prìomh rathad a tha seo eadar Inbhir Garadh agus Ùige agus nuair a tha e a' dol tro Bhreacais chan eil e a' dol faisg air na riaghailtean a tha co-cheangailte ri prìomh rathad", thuirt Mgr MacLeòid.

"Feumaidh iad uaireigin, ma tha iad a' dol a chumail prìomh rathad tro Bhreacais, feumaidh iad an rathad a dhèanamh ceart. Cuine thachras sin, cò aig a tha fios", thuirt e.

Thèid na planaichean a thaisbeanadh dhan t-sluagh ann an Talla Bhreacais feasgar Disathairne eadar 2f is 4f.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh