Drew MacNèill misneachail

A' chiad gheama Image copyright Other
Image caption Daniel Camshron is Neil McManus ann am Páirc an Chrócaigh sa chiad gheama.

Thuirt manaidsear iomain na h-Alba, Drew MacNèill, gu bheil e misneachail gun urrainn dhan sgioba aige an t-sreath eadar-nàiseanta an aghaidh Èireann a bhuannachadh an Inbhir Nis Disthairne.

Rinn na h-Èireannaich a' chùis sa chiad gheama ann am Baile Átha Cliath 4-12 (24) gu 2-12 (18).

Fon t-siostam a thathas a' cleachdadh thairis air an dà gheama, tha sin a' fàgail nan Èireannach air thoiseach 3-1.

Thuirt Mgr MacNèill nach bi an sgioba aige a' smaointinn cus mun sin aig Pàirc a' Bhucht Disathairne.

"Feumaidh sinn a dhol a-steach dhan gheama mar gum biodh gur e 0-0 a th' ann", thuirt e.

"Fada ceàrr"

"San dàrna geama an-uiridh, dh'fheuch sinn ri toiseach-tòiseachaidh glè làidir a dhèanamh oir bha sinn air a' chiad gheama a chall, is chaidh cùisean fada ceàrr oirnn.

"An turas seo, feuchaidh sinn dìreach ris a' gheama a bhuannachadh sa chiad dol-a-mach is chì sinn dè thachras an uair sin," thuirt e.

Faodaidh Alba a bhith an ìre mhath misneachail leis mar a chluich iad ann am Baile Átha Cliath.

Thòisich iad car truagh is Èirinn air thoiseach 7-0 tràth sa gheama le fada cus rùm aca mu chuairt tadhail na h-Alba.

Sgoladh

Tha fios gun robh iomagain air MacNèill an uair sin gun robh Alba ann an cunnart sgoladh eile fhaighinn, cleas 2012.

Cha do thachair sin is bha diofar de 6 puingean car cruaidh air Alba air a' cheann thall.

Chan urrainn dhaibh tadhail cho bog a leigeil a-steach an Inbhir Nis ge-tà, is dhèanadh e feum mòr cuideachd nam b'urrainn dhaibh na h-Èireannaich a chumail aig nas lugha na 2 thadhal, gus nach fhaigh iad puing bònas.

Tha MacNèill an dòchas cuideachd gum bi buannachd ann dhan sgioba aige leis gur e rèiteire iomain a bhios os cionn a' gheama.

"Bu chòir gum faic rèiteire iomain barrachd de na tha a' dol air adhart nuair a tha na h-Èireannaich gar làimhseachadh. Tha riaghailtean na h-iománaíochta diofraichte a thaobh sin.

Cudromach

"Tha sinn airson ar geama fhèin a chluich an seo, mar sin bidh an rèiteire cudromach," thuirt e.

'S e là mòr a bhios ann aig Pàirc a' Bhucht.

Tòisichidh gnothaichean aig 10:30m nuair a chluicheas boireannaich na h-Alba an aghaidh sgioba camógaíochta Bhaile Átha Cliath.

Cluichidh na balaich fo 21 an uair sin aig meadhan là, is an geama mòr aig 2:00f.

Bidh cuideachd ceòl ann an teanta an leanna le luchd-ciùil às gach dùthaich.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile