Tubaist mhairbhteach air an A9

  • Air fhoillseachadh

Chaochail deugaire às dèidh tubaist-rathaid air an A9 air taobh sear Rois feasgar Diciadain.

Thachair an tubaist mu 5:30f dìreach gu tuath air Taigh-Seinnse Sheannduig ann an Caoldaraidh.

Chaidh an nighean, nach deach ainmeachadh fhathast, a thoirt gu Ospdadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis às dèidh do chàr bualadh innte.

Chaochail i san ospadal.

Chaidh an rathad a dhùnadh fhad 's a bha na Poilis a' rannsachadh.

Dh'iarr na Poilis air duine sam bith le fiosrachadh mun tubaist brath a chur orra air 101.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh