UHI a' sireadh cheannaird

  • Air fhoillseachadh
UHITùs an deilbh, John Allan/Geograph
Fo-thiotal an deilbh,
Tha structar-riaghlaidh UHI gus atharrachadh.

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean a' sireadh cheannaird is Seumas Friseal gus a dhreuchd a leigeil dheth.

Bha Mgr Friseal os cionn UHI nuair a ràinig iad inbhe oilthighe bho chionn dà bhliadhna.

Bidh an neach a gheibh an dreuchd - air a bheil prionnsabal is iar-sheansalair UHI - os cionn lìonra de 13 colaistean air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean, is tha UHI ag ràdh gun tèid iad gu gach ceàrnaidh gus an tagraiche as fheàrr a th' ann a lorg.

"Measadh"

"Mar a tha saoghal nan oilthighean ag obair, 's e sin a dh'fheumas sinn a dhèanamh agus 's e aon mheasadh a bheil an neach a tha seo freagarrach, às bith cò às a tha iad," thuirt cathraiche an oilthighe, Mata MacÌomhair.

"S e oilthigh ùr a tha seo, oilthigh òg, agus oilthigh a tha gu math eadar-dhealaichte, agus shaoilinn gum biodh ùidh aig gu leòr de dhaoine anns an dreuchd a tha seo.

"Tha cothroman an lùib na h-obrach a tha seo nach eil ann am mòran de dh'oilthighean. Saoilidh mi gum bi ùidh air feadh an t-Saoghail anns an obair," thuirt e.

Bidh an ceannard ùr os cionn structair-riaghlaidh ùir aig an UHI.

"Nuair a fhuair sinn gu inbhe oilthighe, bha againn ri atharrachadh ar bun-stèidh, is tha cùirt ùr gu bhith againn 'son riaghladh an oilthighe," thuirt Mgr MacÌomhair.

"Saoghal ùr"

"Tha àm ùr a' tighinn ann an eachdraidh an oilthighe agus sin as coireach gu bheil mi ag ràdh gu bheil cothrom an seo a tha dìreach air leth, tha cothrom aig neach acadaimigeach air choireigin gabhail os làimh an uallach agus putadh an oilthighe a tha seo air adhart ann an saoghal ùr," thuirt e.

Fàgaidh Mgr MacÌomhair fhèin a dhreuchd mar phàirt den structar ùr.

Stèidhich UHI mar-thà buidheann gus ceannard ùr a lorg, is tha dùil aca gum bi agallamhan ann san t-Samhain.

Tha iad an dòchas an ceannard ùr ainmeachadh tràth ann an 2014.

Timcheall a’ BhBC

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh