Coithional ceum nas fhaisg an eaglais fhàgail

Àrd Eaglais Steòrnabhaigh
Image caption Thèid cùis nam ministearan gèidh mu choinneimh Àrd-sheanadh Eaglais na h-Alba a-rithist ann an 2014.

Tha an coithional as motha ann an Eaglais na h-Alba anns na h-Eileanan Siar air ceum nas fhaisge a ghabhail air an eaglais fhàgail gu foirmeil.

Tha an coithional mì-thoilichte mu sheasamh na h-eaglaise air ministearan gèidh.

Sgaoil Clèir Leòdhais litrichean is bileagan bhòtaidh gu buill Àrd-eaglais Steòrnabhaigh airson dearbhadh a bheil iad airson an eaglais fhàgail.

Mì-thoileachas

Dh'aontaich Àrd-sheanadh Eaglais na h-Alba sa Chèitean ministearan gèidh a cheadachadh, ann am prionnsabal, ma 's e agus gum biodh coithionalan airson an gairm.

Thuirt an eaglais, ge-tà, nach robh iad ag atharrachadh an t-seasaimh oifigeil aca air a' chùis, no ag atharrachadh bun-reachd na h-eaglaise.

Tha Àrd-eaglais Steòrnabhaigh am measg grunn choithionalan nach eil idir toilichte mu seo.

Aig coinneimh san Ògmhìos dh'aontaich iad gun robh iad 'son dealachadh bhon eaglais.

Fo lagh na h-eaglaise feumaidh an co-dhùnadh sin a-nis a bhith air a dhearbhadh le Clèir Leòdhais mus tèid a' chùis gu Dùn Èideann.

Litir

Chuir an clèir pàipearan bhòtaidh agus litirichean chun a' choithionail sna beagan làithean mu dheireadh.

Tha an litir, a chaidh a sgrìobhadh le clàrc-seisein Àrd-eaglais Steòrnabhaigh, a' mìneachadh seasamh a' choithionail.

A rèir na litreach tha co-dhùnadh an Àrd-sheanaidh a' dol an aghaidh facal a' Bhiobaill, agus thathas air slighe far am bi ministearan a tha gu fosgailte gèidh a' searmonachadh sa chùbaid, rud a tha gu tur an aghaidh an t-soisgeil, tha i ag ràdh.

Thèid buil na bhòta fhoillseachadh an ceann seachdain no dhà.

Anns an litir tha an clàrc a' mìneachadh ma 's e agus gum bhòt iad airson fàgail, nach bi iad airson a bhith nan eaglais neo-eisimeilich leis nach eil sin a' dol le traidisean nan eilean agus cleachdaidhean clèireil.

Thuirt e gum biodh iad a' coimhead air a dhol còmhla ri eaglais air choireigin eile.

Ged nach eil e air a ràdh sa litir, tha e nas dualtaiche dhaibh iarraidh gluasad dhan Eaglais Shaoir.

Ceann an Loch

Ma bhòtas an coithional airson Eaglais na h-Alba fhàgail bhiodh iad an dòchas fuireach san togalach anns a bheil iad agus màl a phàigheadh dha Dùn Èideann, mar a tha coithional Gilcomston a Deas ann an Obair Dheathain, a tha air an eaglais fhàgail mar thà.

Tha coithional Cheann an Loch ann an Leòdhas cuideachd ag ullachadh 'son iarraidh air clèir na sgìre an aon seòrsa bhòt a tha iad a' cumail ann an Steòrnabhagh a dhèanamh leotha-san.

Thuirt am ministear aca, an t-Urr. Iain Murchadh Caimbeul, gun robh iad fhathast a' rannsachadh a' ghnothaich.

Chum an coithional bhòt na bu thràithe air a' bhliadhna, agus, coltach ri Steòrnabhagh, bha mòran taic ann 'son Eaglais na h-Alba fhàgail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile