MV Hallaig a' seòladh an ceann cola-deug?

MV Hallaig
Image caption Chaidh an soitheach a thogail air Chluaidh.

Dh'fhaodadh gum bi am bàt-aiseig as ùire ann an cabhlach Chaledonian Mhic a' Bhriuthain a' seòladh gu coimearsealta taobh a-staigh cola-deug.

Bha dùil ris an MV Hallaig air an t-slighe eadar Sconsair agus Ratharsair as t-samhradh, ach tha an teicneòlas ùr a thathar a' cleachdadh oirre a' fàgail gun robh dàil ann.

"Tha sinn air a bhith a' tomhas na chleachdas sinn de chumhachd, 's e sin a tha cudromach dhuinn," thuirt Jim Anderson, an einnsinìr os cionn a' phròiseict.

"An cumhachd, na KwH a tha an soitheach a' cleachdadh.

"An rud as urrainn dhuinn a dhèanamh an uair sin leis an t-siostam "hybrid," a dhèanamh cinnteach gu bheil an soitheach a' ruith cho èifeachdach 's a ghabhas, lùghdachadh a thoirt air na chleachdas sinn de chonnadh, agus cuideachd, nas cudromaiche, lùghdachadh a thoirt air na tha sinn a' sgaoileadh de CO2," thuirt e.

Bidh an soitheach a' ruith air an dà chuid bataraidhean agus diesel - a' chiad uair a chaidh seo fheuchainn.

Thathas an dòchas le sin, gum bi gearradh co-dhiù 20% air na thathas a' cur a-mach de thruailleadh.

Tha i air a bhith a' dol tro dheuchainnean mara ann an Caolas Ratharsair.

Bidh i comasach air suas ri 150 duine a ghiùlain, a thuilleadh air 23 càr - a dhà uidhir 's a ghabhas am bàt-aiseig a th' ann an-dràsta, an MV Loch Sroigheann.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile