Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 An Dàmhair 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Siria

Thuirt an OPCW, a' bhuidheann eadar-nàiseanta a tha ag obair dhan UN, gun deach cur às dhan a h-uile h-innleachd a bh' aig Siria airson armachd cheimigeach a dhèanamh. Tha a' bhuidheann air a bhith ann an Siria bho thoiseach na mìos seo, agus thuirt am fear-labhairt gun do chuir iad crìoch air an obair ron cheann-là a-màireach.

Margaidh a' Chumhachd

Bidh Rùnaire a' Chumhachd ann an Riaghaltas Westminster Ed Davey, ag innse do Thaigh nan Cumantan an-diugh mu a phlana airson dèanamh cinnteach gum bi farpais ann am margaidh a' chumhachd. Tha dùil gum bi sgrùdadh bliadhnail ann air na sia companaidhean mòra, a' toirt sùil air prìsean, farpais agus earbsa. Tha cuideam a' tighinn air an Riaghaltas agus ceithir de na companaidhean mòra air innse bho chionn ghoirid gu bheil iad a' cur suas am prìsean gu math os cionn ìre na h-atmhorachd.

Trèanaichean

Chuir buidheann riaghlaidh na rèile targaid mu choinneimh Network Rail airson an ath-chòig bliadhna mu thrèanaichean a bhith a' siubhail a rèir a' chlàir-ama. Tha Oifis Riaghlaidh na Rèile airson gum bi 88% de na seirbheisean air prìomh loidhnichean a' chosta an iar agus a' chosta an ear a' ruith ris an uair.

Comhairlean

Thuirt Coimisean nan Cunntasan gum feum comhairlean na h-Alba a bhith nas fheàrr air innse mun dòigh sa bheil iad ag iarraidh chosgaisean mu choinneimh sheirbheisean mar chùram sòisealta agus parcadh chàraichean. Tha an Coimisean ag ràdh gu bheil eadar-dhealachadh mòr sna cosgaisean sin eadar diofar roinnean comhairle, agus ged nach biodh sin ceàrr, gum bitheadh e na b'fheàrr nam biodh mìneachadh soilleir ann, gus nach bi am mòr-shluagh an amharas gu bheil comhairlean a' gabhail brath orra.

Tubaist Mhairbhteach

Tha Poilis air a' Ghàidhealtachd ag iarraidh fiosrachaidh bho dhuine sam bith dhan aithne dad mu thubaist air rathad an A9 air taobh sear Rois feasgar an-dè, anns an deach deugaire a mharbhadh. Bhuail càr anns an nighean, faisg air Caoldaraigh, mu 5:30f. Chaochaill i ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh

Chaidh pàipearan-bhòtaidh a chur gu buill Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh, an coithional as motha aig Eaglais na h-Alba anns na h-Eileanan an Iar, mar dhòigh air dearbhadh a bheil iad airson an eaglais fhàgail. Tha Clèir Leòdhais aig Eaglais na h-Alba a' faighneachd na ceiste, an dèidh na connspaid anns an eaglais mu mhinistearan gèidh.