Oileanaich a' gearain mu bhusaichean

  • Air fhoillseachadh
Sabhal Mòr OstaigTùs an deilbh, James Allan/Geograph
Fo-thiotal an deilbh,
Chan eil oileanaich an t-Sabhail Mhòir air an dòigh le seirbheis nam busaichean ann an ceann a deas an Èilein Sgitheanaich.

Tha oileanaich aig Sabhal Mòr Ostaig a' gearain mu sheirbheis nam busaichean ann an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich.

Is suarach cho math 's a tha an t-seirbheis, a rèir nan oileanach, is tha iad a-nise an dòchas gun tig leasachadh air a' ghnothach à Pàrlamaid na h-Alba.

"Chan eil busaichean ann, sin an duilgheadas," thuirt ceann-suidhe Chomann nan Oileanach aig SMO, Scott Mac Con Ulaidh.

"Tha cuid de sheirbheisean ann tron t-Samhradh nuair a bhios an luchd-turais ann ach an-dràsta chan eil ann ach bus-sgoile agus bus ionadail.

"Chan eil iad gu feum sam bith oir chan eil iad ceangailte ris na dòighean siubhail airson a dhol gu Glaschu no Inbhir Nis mar eisimpleir.

"Sgràthail"

"Bhon a chaill sinn na busaichean puist tha e air a bhith sgràthail," thuirt e.

Thuirt Mgr Mac Con Ulaidh gun do bhruidhinn na h-oileanaich le companaidhean busaichean is comhairlichean na sgìre ach nach tàinig adhartas air an t-suidheachadh.

Tha iad a-nise air an gnothach a thogail le Aonadh nan Oileanach aig ìre nàiseanta, is tha iad an dòchas gun tig adhartas tro bhile aig Holyrood gus riaghladh a bharrachd a chur air gnìomhachas nam busaichean.

Tha co-chomhairle air na planaichean sin aig Ministear Dùbhlanach na Còmhdail, an Làbarach Iain Gray, dìreach air tighinn gu ceann.

Feumar rudeigin a dhèanamh mun t-suidheachadh an ceartuair, a rèir Mhgr Mac Con Ulaidh.

"Tha daoine a' tighinn an seo bho air feadh an àite is tha iad a' smaoineachadh gum bi na busaichean ionadail a' feitheamh air na seirbheisean Citylink no air na treanaichean, ach chan ann mar sin a tha e idir," thuirt e.