Pròbhost ùr an Earra-Ghàidheal

  • Air fhoillseachadh
Len ScoullarTùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
Pròbhost ùr Earra-Ghàidheal is Bhòid, Len Scoullar.

'S e fear de chomairlichean Eilean Bhòid, Len Scoullar, Pròbhost ùr Comairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.

Chaidh Mgr Scoullar, a tha na chomhairliche neo-eisimileach, a thaghadh aig coinneimh den Chomhairle ann an Ceann Loch Gilb Diardaoin.

Tha e na bhall den bhuidhinn-riaghlaidh ùir a ghabh smachd air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air a' mhìos a chaidh.

Ghabh e àite an Nàiseantaich Isobel Strong a tha cuideachd a' riochdachadh Bhòid.

Bha ise air aontachadh an dreuchd fhàgail nuair a chaill an SNP smachd air a' Chomhairle.

Tha Len Scoullar air a bhith na chomhairliche bho 1999.

Càineadh

Nas tràithe an t-seachdain seo, chaidh càineadh làidir a dhèanamh air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid le Coimisean nan Cunntasan.

Thuirt an coimisean nach robh structuran riaghlaidh na Comhairle math gu leòr, 's gur ann cugallach a bha an stiùireadh poileataigeach.

Gheall iad aithisg eile an ceann sia mìosan.

Thuirt Ceannard na Comhairle, Dick Walsh, gu bheil gnothaichean a' tighinn air adhart bho chaidh a' bhuidheann-riaghlaidh ùr a stèidheachadh.

A' bruidhinn ann an Ceann Loch Gilb Diardaoin, thuirt Mgr Walsh gun toir e eadar sia is naoi mìosan gus suidheachadh na Comhairle a chur air ais air bun-stèidh cheart.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh