Tuilleadh càinidh mun sgeama connaidh
- Air fhoillseachadh

Thuirt ceannard poileataigeach Ghallaibh agus Chaitibh aig Comhairle na Gàidhealtachd gur e 'bùrach dha-rìribh" a tha ann am planaichean Rìaghaltas na Rìoghachd Aonaichte an sgeama faochaidh airson connaidh ann an sgìrean dùthchail a leudachadh.
Tha an comhairliche Làbarach Deirdre NicAoidh ag ràdh gu bheil i a' cur fàilte air oidhirp sam bith prìsean a dhèanamh nas cothromaiche ach gur e "crannachur a rèir àite-fuirich" a tha san t-siostam a thathas a' moladh a bhios a' ciallachadh gum bi na prìsean nas mì-chothromaiche buileach.
Àiteachan ùra
'S e amas an sgeama aig an Riaghltas ann an Westminster am beàrn a tha eadar cosgaisean peatroil agus diesel ann am bailtean agus sgìrean dùthchail a lùghdachadh.
Chuirear an sgeama an sàs ann an eileanan Albannach mar thà, agus na bu thràithe air a' mhìos dh'fhoillsich an Riaghaltas liosta de dh'àiteachan a dh'fhaodadh buannachd fhaighinn às an sgeama ma bheir an Coimisean Eòrpach cead seachad.
Chuir e iongadh air cuid gun deach sgìrean ann an iar-dheas Shasainn ainmeachadh, 's nach deach sgìre sam bith ann an Gallaibh agus Caitibh a thaghadh.
Thug Deirdre NicAoidh cuireadh dhan Bhall-Pàrlamaid ionadail, an Libearalach Deamocratach, Iain Thurso, thighinn chun na h-ath-choinneimh aca son mìneachadh ciamar a chaidh sgeama a chur air dòigh a tha, tha i ag ràdh, a' dol a dhèanamh chùisean nas miosa ann an cuid de sgìrean.
Co-luadar
Rinn Riaghaltas Westminster co-chomhairle mu a bhith a' leudachadh an sgeama.
Thuirt feadhainn air Ghàidhealtachd ge-tà, nach d'fhuair iad cothrom na Fèinne a dhol an sàs san leudachadh.
Thuirt Stèisean Coimhearsnachd na Comraich nach robh ùine gu leòr aca freagairt a chur a-steach dhan cho-luadar agus nach deach leotha nuair a dh'iarr iad ùine a bharrachd.
Tha Ball-Pàrlamaid Rois, an Eilein Sgitheanaich agus Loch Abair, Tearlach Ceannadach, ag ràdh gu bheil e air bruidhinn ri Roinn an Ionmhais an dèidh do ghrunn stèiseanan dragh a thogail leis mun chùis.
Thuirt Àrd-Rùnaire an Ionmhais, Danny Alexander, a tha cuideachd na Bhall-Pàrlamaid son Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bàideanach agus Srath Spè, agus a dh'fhoillsich an sgeama, gun deach an Riaghaltas tro phròiseas fosgailte agus cothromach agus gum faigh iomadh coimhearsnachd iomallach buannachd às.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 30 An Dàmhair 2013
- 21 An Lùnastal 2013
- 1 An Lùnastal 2013