Cead do sgeama hydro Ulapuil
- Air fhoillseachadh

Tha Urras Coimhearsnachd Ulapuil air cead fhaighinn bho Choimisean na Coilltearachd airson dà abhainn san sgìre a chleachdadh airson sgeamaichean hydro.
Bha muinntir a' bhaile air bhòtadh roimhe 'son gluasad air adhart le plana gus Allt a' Mhuilinn agus Allt a' Bhràighe ann an Coille Lael a chur gu feum.
Chuir 96% taic ris na planaichean.
Chleachd 58% den t-sluagh am bhòt is bha sin fhèin glè chudromach, oir bha feum air 51% co-dhuibh gus am biodh a' bhot a' seasamh.
Màl
A-nise tha Coimisean na Coilltearachd air cead a thoirt gu tagradh na coimhearsnachd gus na h-aibhnichean a ghabhail air màl agus a chur gu feum 'son sgeamaichean hydro.
Thuirt Cathraiche Urras Coimhearsnachd Ulapuil, Seoras Farlow, gu bheil iad air an dòigh.
Dh'innis e gun tèid sgrùdadh mionaideach a dhèanamh a-niste air cho freagarrach 's a bhios na h-uillt 'son sgeama hydro.
Ma sheallas an sgrùdadh gu bheil iad freagarrach, is ma tha taic fhathast sa choimhearsnachd, thuirt Mgr Farlow gun tèid na leasachaidhean air adhart.
Thathas an dòchas £1m a chruthachadh dhan choimhearsnachd air a' cheann thall.