Nighean a bhàsaich air an A9 ga h-ainmeachadh

  • Air fhoillseachadh
Làrach na tubaisteTùs an deilbh, BNN media Group
Fo-thiotal an deilbh,
Bhàsaich Holly ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir.

Tha luaidh ga dhèanamh air nighean-sgoile a bhàsaich às dèidh do chàr bualadh innte air an A9 air taobh sear rois feasgar Diciadain.

Bhuineadh Hollie NicAaoidh, a bha 15, do Chaoldaraigh, far an do thachair an tubaist, agus bhiodh i a dol gu Acadamaidh Inbhir Ghòrdain.

Thuirt ceannard eadar-amail na sgoile, Alison Drew, gur e ceòladair tàlantach a bh' ann an Holly, agus gun robh i na pàirt cudromach de bhuidhinn dràma òigridh Inbhir Ghòrdain.

Thuirt i cuideachd gun robh luchd-obrach na sgoile gu math measail oirre 's gum biodh iad ga h-ionndrainn gu mòr.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh