Seirbheis bhus do dh'aiseag Mhalaig

  • Air fhoillseachadh

Thèid seirbheis bhus ùr a stèidheachadh airson luchd-cleachdaidh na seirbheis aiseig ùire eadar Loch Baghasdail agus Malaig.

Dh'aontaich a' chompanaidh Busaichean Seile sgeama pìleat fheuchainn far am bi bus a' feitheamh airson luchd-siubhail a thig far an aiseig a thoirt dhan Ghearasdan.

Bha Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar, Aonghas Brianan MacNìll, an sàs anns na còmhraidhean gus an t-seirbheis a chur air chois, agus thuirt e gun robh e ceart gum biodh leithid de sheirbheis ann.

Cuideachd, thug e taing do Dhonaidh MacIlleBhrath a tha a' ruith na companaidh bhusaichean.

Bidh am pìleat eadar Loch Baghasdail agus Malaig, a thòisicheas sa gheamhradh, a' dol fad trì bliadhna.

'S ann tron gheamhradh a-mhàin a bhios an t-seirbheis ann.