Leasachadh do Chaisteal Chiosmuil

  • Air fhoillseachadh

Thèid obair mhòr a dhèanamh air Caisteal Chiosmuil ann am Barraigh.

Dh'aontaich Alba Aosmhor agus MacNèill Bharraigh ri plana a bhios a' ciallachadh gun tèid còrr air £200,000 a chosg air a' chaisteal.

Chaidh an dàrna cuid den airgead a thrusadh le sliochd Chloinn MhicNèill air feadh an t-Saoghail.

Thèid obair a dhèanamh gus an togalach a dhìon, ach pàighidh an t-airgead cuideachd airson sgrùdadh air eachdraidh a' chaisteil agus soidhnichean ùra.