Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An t-Samhain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

RBS

Chuir an Seansalair, Seòras Osborne, dìon air a cho-dhùnadh nach tèid Banca Rìoghail na h-Alba a roinn na dhà leth eadar banca math agus banca dona. Tha sin a' dol an aghaidh choimisein Pàrlamaid, a fhuair gum bu chòir na droch fhiachan a thoirt a-mach às a' bhanca uile gu lèir. An àite sin bidh meur ùr an taobh a-staigh RBS a' dèiligeadh ri luach cha-mhòr £40bn de dh'fhiachan nach eil dùil aca fhaighinn air ais.

HS2

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a' cur sgrùdaidh air bhonn an-diugh ann an Glaschu mun bhuannachd do dh'Alba le leudachadh air an loidhne-rèile luath HS2 tuath air Leeds agus Manchester. Tha an sgrùdadh a' coimhead ris an ùine a' siubhail à Glaschu agus Dùn Èideann gu ruige Lunnainn a ghearradh gu trì uairean de thìde no nas lugha. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil iad ag iarraidh gealltanais air sin a dh'aithghearr.

Siria

Thàinig dearbhadh bho na Stàitean Aonaichte gun tug itealan cogaidh Israelach ionnsaigh air làrach faisg air Port Latakia ann an Siria. Tha aithrisean ann gun robh na h-Israelich ag amas air urchairean a thàinig às an Ruis airson gun cleachdadh a' bhuidheann Hezbollah iad. Cha tuirt Israel no Siria dad mun chùis.

Obair-brathaidh

Dh'aidich Rùnaire nan Stàitean Aonaichte, John Kerry, gun deach, ann an cuid de chùisean, obair-brathaidh Aimeireaga ro fhada. Tha Indonèisia a-niste ag iarraidh mìneachaidh bho Astràilia air pàirt na dùthcha sin ann an obair-brathaidh air feadh Àisia a bha fo stiùir nan Stàitean Aonaichte.

Ionad-conaltraidh

Tha Comhairle na Gàidhealteachd a' beachdachadh air plana fo am biodh aon ionad ùr ann an Inbhir Nis a' dèiligeadh ri seirbheisean fòn agus conaltradh dha na seirbheisean èiginn, Uisge na h-Alba, an NHS agus a' Chomhairle fhèin. Tha dragh ann gu bheil na Poilis agus an t-seirbheis-smàlaidh is teasairginn a' beachdachadh air na seòmraichean-stiùiridh ann an Inbhir Nis a dhùnadh. Thuirt Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, Drew Hendry, gun dèanadh aon ionad ùr ciall, agus glèidheadh air obraichean ann an Inbhir Nis.

Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

Gheall an Ceannard ùr air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Dick Walsh, gun tèid trioblaidean an ùghdarrais a chur ceart an taobh a-staigh naoi mìosan. Tha seo an dèidh càineadh bho Choimisean nan Cunntasan a thuirt gun do chuir àimhreit eadar buidhnean poileataigeach na Comhairle maill air obair an ùghdarrais gu lèir.

Aiseag Malaig - Loch Baghasdail

Tòisichidh seirbheis bus ùr eadar Malaig 's an Gearasdan do luchd-siubhail a bhios a' gabhail an aiseig ùir eadar Malaig agus Uibhist a Deas. Nì a' chompanaidh Busaichean Seile deuchainnean air seirbheisean Dimàirt agus Diardaoin a bhios a' ceangal ris an t-seirbheis aiseig a thòisicheas a dh'aithghearr eadar Malaig agus Loch Baghasdail.