Tuiltean is droch aimsir

  • Air fhoillseachadh
UisgeTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,
Chuir Abhainn Theòrsa ann an ceann a tuath Ghallaibh thairis.

Tha obair-sgioblachaidh a' dol ann an an ceann a tuath na Gàidhealtachd an dèidh do dh'Abhainn Theòrsa cur thairis agus uisge trom ann air deireadh na seachdaine.

Chaidh uisge a-steach gu dachaighean ann an Arcaibh cuideachd, agus bha na ceudan dhachaighean ann an Sealtainn gun dealan thar grunn uairean de thìde Didòmhnaich, ri linn na droch shìde.

Thuit faisg air 2.5 òirleach de dh'uisge thar 24 uairean ann an cuid de sgìrean.

Chaidh uisge a-steach a thaighean ann an Hàcraig agus Inbhir Theòrsa agus bha fearann àiteachd fo thuil.

B' fheudar craobhan faisg air togalach ann an Dùnaid a leagail leis gun robh dragh ann gun tuiteadh iad.

Tha rabhadh ann fhathast mu thuiltean ann an Gallaibh agus Cataibh.

Ann am Moireibh dhùin aon taobh den B9014 eadar Baile Chèith agus Dufftown aig Coille Haggishaw an dèidh maoime-slèibhe a bhith ann an sin.

'S urrainnear an rathad a chleachdadh ach tha na Poilis a' toirt comhairle do dhaoine slighe eile a ghabhail ma 's urrainn dhaibh.