Cuideam ceadaichte an rionnaich ga roinn

  • Air fhoillseachadh
Rionnach
Fo-thiotal an deilbh,
Bhiodh an 1,000 tunna a' dèanamh suas 1% den chuideam cheadaichte gu lèir airson an rionnaich.

Dh'fhaodadh iasgairean nan Eilean Siar cuid den chuideam cheadaichte airson rionnach fhaighinn, 's còmhraidhean mu bhith a' roinn a' chead, aig ìre adhartach, am beachd cuid.

Tha dòchas ann gum faigh an sgìre cothrom air mìle tunna de rionnach a ghlacadh ann an dòigh sheasmhaich.

"Tha conaltradh a' dol an-dràsta a' coimhead ri 1,000 tunna de chuideam ceadaichte a thoirt bho na bàtaichean mòra a tha an-dràsta a' glacadh an rionnaich," thuirt Rùnaire Caidreachas Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais.

"Agus sin a roinn timcheall nan coimhearsnachdan air feadh Alba airson cothrom a thoirt dha na bàtaichean as lugha agus na coimhearsnachdan sin am mìle tunna a tha seo a roinn eatorra.

"Tha mise glè thoilichte gur i seo an t-slighe a thathar a' dol, agus thathar a' toirt air ais dha na coimhearsnachdan a tha sin rud a tha mise den bheachd a bu chòir a bhith aca bho chionn fhada. Bha e aca 's chaidh a thoirt bhuapa.

"Mar a tha mise a' faicinn na slighe air adhart, chan eil adhbhar sam bith nach bithear a' dèanamh £2,000 an tunna a-mach às, agus cuideachd an uair sin a' leudachadh barrachd airson fiù 's a dhol dhan Roinn Eòrpa airson barrachd fhaighinn airson nan coimhearsnachdan, agus gu h-àraid dòigh iasgaich a bhiodh maireannach, mar eisimpleir fiù 's le dubhan, no dòighean mar sin.

"Mar a tha an rionnach ga ghlacadh an-dràsta aig na h-eathraichean mòra a tha sin bho 2015, cha bhi e ceadaichte dhaibh càil a thilgeil a-mach.

"An-dràsta tha iad a' tilgeil a-mach nam mìltean de thunnaichean de rionnach beag nach eil iad ag iarraidh.

"'S e aon de na rudan as fheàrr mun dòigh iasgaich a bhiodh an seo, 's e càil sam bith a bhiodh air an dubhan nach robh mòr a bhith ga thilgeil às, agus bhithinnsa a' coimhead gum biodh cuideam àraid anns an rionnach a bhiodh e ceadaichte a chur air tìr," thuirt e.

Tha Mgr MacAonghais den bheachd gun gabhadh an aon rud dèanamh le iasg eile.

"An toiseach a' faighinn an rionnaich air dòigh, agus an uair sin nuair a sheallas sinn gu fìor air a dhèanamh aig ìre ionadail agus gu bheil buidheann ann a gheibh air a riaghladh, bhithinnsa an dòchas gur e sgadan an ath-rud a ghluaisiste thuige, agus bhiodh argamaid gu math làidir againn, ma thèid leinn leis an rionnach, agus adhartas a dhèanamh air sin," thuirt e.