Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An t-Samhain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Làbaraich

Tha cuideam a' sìor-dhol air ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, fiosrachadh fhoillseachadh gu poblach mun rannsachadh a rinn am pàrtaidh mu chasaidean co-cheangailte ri taghadh thagraiche dha na Làbaraich ann an sgìre na h-Eaglaise Brice. Bidh cathraiche na pàrtaidh san sgìre sin, Stevie Deans, a' fàgail na dreuchd sin. Tha boireannach a thog dragh mun phròiseas bhòtaidh a' dol às àicheadh a-niste gun do tharraing i a gearain air ais - rud a chuir stad aig an àm air an rannsachadh mun chùis.

Banca a' Cho-op

Tha dùil gun cailleadh mu 1,000 den luchd-obrach aig Banca a' Cho-op le dearbhadh gun tèid 50 meur a dhùnadh mar phàirt de dh'aonta fo an tèid feuchainn ris a' bhanca a shàbhaladh. Cha bhuineadh fon aonta ùr sin ach mun treas cuid den bhanca dhan bhanca fhèin, agus an còrr dheth ga chur ann an làmhan luchd-tasgaidh agus luchd-creidis. Feumaidh an luchd-creidis gabhail ris a' phlana sin fhathast.

HSBC

Thàinig dearbhadh bho HSBC an-diugh gu bheil am banca sin cuideachd fo rannsachadh mu chasaidean gum faodadh gun robh iad a' toirt buaidh gu mì-laghail air margaidhean ionmhais ann an dùthchannan eile. Dh'innis HSBC cuideachd gun robh àrdachadh an treas cuid air prothaidean anns na trì mìosan eadar an t-Iuchair agus an t-Sultain, gu £2.8bn.

CBI

Thuirt an CBI, Caidreachas a' Ghnothachais agus a' Ghnìomhachais, gum bitheadh e nas fheàrr do Bhreatainn fuireach san Aonadh Eòrpach. Thuirt an CBI, a tha a' cumail co-labhairt nàiseanta ann an Lunnainn an-diugh, gun do rinn iad tomhas air gach taobh den chùis, agus gun tàinig iad dhan cho-dhùnadh gum biodh e nas fheàrr do Bhreatainn fuireach anns an Aonadh, agus feuchainn ri leasachadh a thoirt air an Aonadh, seach na chailleadh an Rìoghachd le fàgail.

Keir Starmer

Thuirt Keir Starmer, a bha na stiùiriche air Seirbheis nan Casaidean Poblach ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh gum feum an lagh atharrachadh gus an gabh casaidean cur air feadhainn ann an dreuchd phroifeasanta nach innis ma tha iad an amharas gu bheil drabastachd an aghaidh chloinne a' tachairt. Tha an Eaglais Chaitligeach agus Eaglais Shasainn am measg na tha a' cur taic ri sin.

An Èipheit

Thòisich cùis-lagha ann an Cairo an aghaidh Mohammed Morsi, a bha na Cheann-suidhe air an Èipheit. Tha esan fo chasaid gun robh e a' brosnachadh àimhreit agus muirt. Chuir Arm na h-Èipheit às an dreuchd e air an t-Samhradh am bliadhna, cha-mhòr bliadhna an dèidh dha cumhachd fhaighinn sa chiad thaghadh saor riamh san Èipheit.