Ceannard làn-ùine aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
Image caption Chan eil Mgr Lyons fileanta sa chànan, ach tha e ga h-ionnsachadh.

Chaidh Jim Lyon ainmeachadh mar cheannard stèidhichte Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, an dèidh agallamhan Dihaoine.

Chan eil ceannard stèidhichte air a' bhith aig an sgoil bho chionn ceithir bliadhna, is duigheadasan aig Comhairle na Gàidhealtachd cudegin a lorg.

Bha Mgr Lyon air a bhith ag obair mar cheannard eadar-amail air an sgoil bho chionn faisg air bliadhna, fhad 's a bha ceannard stèidhichte ga shireadh.

Ged nach robh Gàidhlig aig Mgr Lyon nuair a thòisich e san sgoil tha e air a bhith a' dèanamh adhartais le bhith ga h-ionnsachadh.

Bidh mar a fhuair e an obair a' fàgail cheistean ge-tà. Thathas a' tuigisnn gun robh co-dhiù aon de na tidsearan eile a fhuair agallamh Dihaoine fileanta sa chànan.

Cuideachd, an-uiridh, cha d'fhuair tè Anika Jansen an obair, leis nach robh cuid de phàrantan toilichte nach robh i fileanta sa chànan.

A dh'aindeoin sin, 's iad air feuchainn ochd turas, cho-dhùin a' Chomhairle gur e Jim Lyon an duine ceart.

'S e a-niste an dàrna ceannard stèidhichte air an sgoil bho dh'fhosgail i ann an 2007.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile