Leasachadh do GME sna h-Eileanan Siar

  • Air fhoillseachadh
Clann-sgoile
Fo-thiotal an deilbh,
Chan eil sgoil Ghàidhlig oifigeil anns na h-Eileanan Siar aig an ìre seo.

Fhuair Comhairle nan Eilean Siar £500,000 bho Riaghaltas na h-Alba airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig sna h-Eileanan a neartachadh.

Thèid an t-airgead a chosg thar dà bhliadhna, gus goireasan leithid stuthan coimpiutaireachd a leasachadh ann an sgoiltean.

Nì a' Chomhairle cuideachd co-chomhairleachadh le coimhearsnachdan mu a bhith a' comharrachadh cuid de sgoiltean far a bheil a' mhòr-chuid den chloinn fileanta sa Ghàidhlig mar "Sgoiltean Gàidhlig."

"Tha an t-iarrtas airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns na h-Eileanan Siar a' sìor-fhàs, dìreach mar a tha a' tachairt air feadh Alba," thuirt Ministear Chànanan na h-Alba, BPA nan Eilean Siar Alasdair Allan.

"Tha planaichean adhartach ann airson an £500,000 seo a chosg airson goireasan a thoirt air adhart, agus barrachd taic a thoirt dhan luchd-teagaisg agus dhan chloinn thar an dà bhlidhna a tha romhainn.

"Tha mi cuideachd toilichte gu bheil Comhairle nan Eilean Siar gu bhith an co-luadair mu chuid de sgoiltean a chomharrachadh mar sgoiltean Gàidhlig," thuirt e.

Chuir Cathraiche an Fhoghlaim aig a' Chomhairle, Catriona Stiùbhart, fàilte air an taic-airgid on Riaghltas.

"Tha sinn air leth toilichte leis an taic-airgid seo, agus bidh e gu cinnteach cuideachail ann a bhith a' cumail air adhart leis an deagh obair a tha air a bhith a' dol air feadh nan Eilean Siar thar nam bliadhnaichean a chaidh seachad a thaobh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig," thuirt i.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh