Dìon air co-dhùnadh ceannard sgoile
- Air fhoillseachadh

Chuir Comhairle na Gàidhealtachd dìon air a' cho-dhùnadh duine nach eil fileanta sa Ghàidhlig fhastadh mar cheannard air Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.
Tha iad air a bhith a' feuchainn ri cuideigin a chur dhan dreuchd fad ceithir bliadhna.
Chaidh dreuchd ceannard na sgoile a thoirt dha Seumas Lyon, a tha air a bhith na cheannard eadar-amail bho chionn faisg air bliadhna.
Chan eil e fileanta sa Ghàidhlig, ach tha e ga h-ionnsachadh.
Bha cuid de phàrantan ag iarraidh gum biodh Gàidhlig aig a' cheannard ùr, agus thathas a' tuigsinn gun robh co-dhiù aon neach a fhuair agallamh airson na dreuchd Dihaoine fileanta.
Thuirt cathraiche Comataidh nan Seirbheisean Inbheach agus Cloinne aig Comhairle na Gàidhealtachd, Alasdair Christie, gun robh e a' gabhail ris gun robh cuid de phàrantan ag iarraidh ceannard dà-chànanach a bhith air an sgoil, ach gun robh e a' faireachdainn gun robh an t-ùghdarras ceart ann a bhith a' co-dùnadh an dreuchd a thoirt do Mhgr Lyon.
Tha Mgr Christie ag ràdh gu bheil an sgoil air a bhith fo stiùir mhath sa ghreis mu dheireadh agus gun toir seo cothrom dhan sgoil gluasad air adhart agus cuirreacalam 'son sàr-mhaitheis, a tha freagarrach 'son sgoil Ghaidhlig, a chur an sàs.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh4 An t-Samhain 2013