Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An t-Samhain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Corroboration

Thuirt fear de phrìomh luchd-lagha na h-Alba gu bheil cunnart ann an atharrachadh a thoirt air an earrainn den lagh ris an canar corroboration, far am feum aon phìos fianais taic fhaighinn bho fhianais eile ann an cùirtean lagha na h-Alba. Tha am Morair Hope, Craighead, teagmhach mun atharrachadh a tha Riaghaltas na h-Alba ag iarraidh mar dhòigh air barrachd dhaoine a dhìteadh ann an cùisean èigneachaidh.

Companaidhean Iasaid

Tha Buill-Phàrlamaid air Comataidh a' Ghnothachais ann an Taigh nan Cumantan air a bhith a' ceasnachadh chompanaidhean a tha a' toirt iasadan seachad airson ùine ghoirid - payday loans mar a theirear riutha - agus dragh ann mun riadh àrd a th' air cuid de na h-iasadan sin. Thuirt àrd-oifigeach bhon bhuidhinn Wonga, gu bheil ìomhaigh cheàrr aig mòran air dòighean obrach na companaidh sin, agus gu bheil a' mhòr-chuid den luchd-cleachdaidh aca toilichte leis an t-seirbheis a tha iad a' toirt seachad.

Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis

Chuir Comhairle na Gàidhealtachd dìon air an dòigh san deach duine nach eil fileanta sa Ghàidhlig fhastadh na cheannard air Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis. Tha an sgoil air a bhith ceithir bliadhna gun cheannard làn-ùine le fileantas sa Ghàidhlig, ged a tha an ceannard ùr, Seumas Lyon, a' dèanamh oidhirp air a h-ionnsachadh. Thuirt fear-labhairt na Comhairle gur e an co-dhùnadh ceart a th' ann, ged a tha cuid de phàrantan ag iarraidh ceannard le Gàidhlig.

M&S

Thuit prothaidean aig Mark's and Spencer, 's a' chompanaidh ag innse gun deach iad sìos mu 9% gu beagan a bharrachd air £260m anns na sia mìosan gu deireadh an t-Sultain. Ged a reic iad barrachd de stuth-bìdhe, bha na reic iad de dh'aodach agus stuth eile sìos. Thuirt a' chompanaidh gu bheil daoine nas misneachaile mu bhith a' cosg an cuid airgid, ach nach eil sin follaiseach fhathast anns na bùthainnean.

Siria

Thòisich coinneamhan ann an Geneva, a tha ag amas air sìth a dhèanamh ann an Siria. Tha riochdairean à Siria, na Stàitean Aonaichte agus an Ruis a' gabhail pàirt anns a' chiad earrainn de na còmhraidhean.